Skip to main content

‹‹‹ prev (121)

(123) next ›››

(122)
114 Mu Uaigneas Cràbhach.
iir cailhe beatha chaidh seachad. Rannsaichibh
ò o aois ur n-òige, agus cuiribh a cheist oirbh
f'èin, Ciod na h-àmanna bu shonadh a bh' ann ?
Co dhiubh a b' è 'n t-àm a bha sibh gu foisneach
neo-chiontach, no 'n uair a bha sibh 'an ro-thòir
air ur staid àrduchadh, agus ann an innleachdaibh
cealgach ? Am bheil ur fior-shealbhachadh a
cumail suas ris an ni ris an abair an saoghal
soirbheachadh ? Mar a dh' fhàs sibh ann am
beartas agus ann an inbh, an d'fhàs sibh ga rèir
sin ann an sonas ? An do shoirbhich leibh ann
an cijis air bith, a rèir 's mar bha fiuthair aguibh ?
Far an robh duil aguibh ris an anabliarr a shealbh-
achadh, nach minig gur h-ann is lughadh a
fhuair sibh ? Far an robh ciont' an co'-chuid-
eachd r'ar toil-inntinn, nach d' fhuirich a ghath
fad agaibh, an diaigh an toileachadh dol seach-
ad ? Leigeadh an samhuil sin de cheistibh, le 'm
freagairt gu firinneach, an saoghal ris duibh,
mar is pailte, direach mar tha è. Dheanadh iad
follaiseach diomhanais a chuir am fiachaibh;
agus leigeadh iad f haicinn duibh, gu bheil tobair
eir ann, a bharr air na. tha'n saoghal a* buil-
eachadh, air an èigin duibh sonas iarruidh.
Am feadh a labhras tu ri d' chridhe mu thim-
chioll ciod è an saoghal an dràsta, thoir fainear
mar an ceudna cia mar bhitheas è air chionn an
aon latha. Gabh roi'-shealladh air an uair eagal-
laich 's an èigin duit beannachd shiorruidh a
ghabhail leis. Smaoinichciod na smuaintean is

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence