Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
'■20
AM MEASG NAM BODACH.
Odhar a liuthad de shineadh laithean. An uair a bha
e mu dheich is ceithir fichead bliadhna a dh’aois dhirich
. e ri aon de na beanntan arda a tha cho lionmhor anns
an eilean, agus thug e suil mu’n cuairt air. Bha na
glinn gu h-iosal foidhe cho feurach, boidheach, na
h-uillt le cronan seamh a’ triall gu traigh, coilltean ixrar
uaine ri oir na mara agus crodh, caoraich, gobhair is
feidh ag ionaltradh gu socair air ioma slios. Thubhairt
e ris fhein gu’m bu mh6r am beud an saoghal so fhagail
agus na h-uile ni cho taitneach do’n t-siiil is do’n aigne.
Dh’eirieh e ’na sheasamh, sgaoil e a dha laimh a mach
o ghuaillean agus ghlaodh e kird a chinn, “Och nach robh
nii 6g a rithist.” Fhuair e ’mhiann, agus bha e beo
deich is ceithir fichead bliadhna &s a dheidh sin.
Tha seann duine eile air aithris am measg nam bodach;
Murchadh Buidhe nam Fiadh. Bha e ’na shealgair
fhiadh agus b’i Beinn an Oir a roghainn aite seilge, agus
lean e air a tathaich gus an robh e ’na fhior sheann duine
hath.
B’ann do na sithichean a bhuineadh na feidh, agus
bhiodh iad diombach do Mhurchadh air son a bhi cho
trom air na daimh. Latha bha e a’ siubhal na beinne
chunnaic e damh breagha air an d ’ealaidh e gus an robh
e an dliiths saighead a thilgeadh air. An uair a chaog
e a shuil: a ghabhail cuimse, thiohndaidh an damh ’na
dhuine, agus thubhairt e, “Tha thusa an sin, a
Mhurchaidh Bhuidhe nam Fiadh, is tu a’ fas hath ad
shuidhe air sliabh Beinn an Oir.” Fhreagair rMurchadh
“Ma tha mise air fas hath air sliabh Beinn an Oir, is
furasda do Dhia mo dheanamh 6g. ” Air dha so a radh
phill neart na h-6ige ris a rithist agus bha e beo iomadh
bhadhna an deidh sin. Tha beagan ceangal afg an sgeul
so ris an te eile a,dh’aithris mi, ach tha barail agam gu’n