Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
AM MEASO NAM BODACH.
19
Bha Niall Cleireach a bha ’san Learga Bhric ’na
sheanachaidh barraichte agus is duilich learn, nach do
cheadaich astar dhomh a bhi na bu trice ’na chuideachd.
Mu dhk fhichead bliadhna air ais sgriobh mi sios bho
sheana bhean ch6ir an Cnoc Crom, no an Airdfhearnail,
na h-uile facal de Laoidh Mhic Ealair anns am bheil cbrr
is b& fichead sreath. Bba am boirionnach an uair sin gu
math thairis air a’ cheithir ficbead ach cha robh mearachd
’na h-aithris. Tha sin ’gam thoirt gu ceann eile, agus is
e sin cho dliith agus a bheir eomhradh sheann daoine
na linntean a dh’fhalbh dhuinn. Chan ’eil aon de na
seann daoine a dh’ainmich mi, agus m6ran eile, nach
robh eblach air Mairi Bibeach. Bha m’athair fh&n ’na
fhichead bliadhna an uair a chaochail am boirionnach
aosda so. A nis, bha esan agus a’ mhuinntir eile a bha
’na choimhearsnachd an comhradh gach Ik ri apn a bha
ochd bliadhna deug a dh’aois an uair a chuireadh Blar
Chulodair. Chuala an saoghal uile gu Mir gu’n robh
Mkiri Bibeach ochd is s6 fichead bliadhna an uair
a chaochail i. Bha mu cheud bliadhna eadar i fh&n ’s
an Gill’ Odhar, ach nach suarach sin an eachdraidh
cinneadh a bha cho fad shaoghaltach ri Cloinn Mhic
Bkine. Chan ’eil m6ran ri aithris mu Mhkiri ach gu’m
bu bhoirionnach beag speisealta i, agus ged a fhuair i an
t-ainm Mkiri Bibeach cha robh sin ach ainm a thug a
h-athair oirre an uair a bha i ’na caileig bhig’s a cuailean
beag camagach a’ snamh anns a’ ghaoith.
Tha m6ran beul-aithris mu’n Ghill’ Odhar fhein
agus is e sinn a bhi cho cinnteach mu’n aois mh6r a
fhuair e gu’n robh duin-uasal air chuairt ’s na h-eileanan
siar mu leth-cheud bliadhna an d&dh do’n Ghill’ Odhar
am bks fhaotainn. Dh’innis bodach air choir-eigin an
Diura dhomh-sa gur anns an doigh so a fhuair an Gill’