Skip to main content

‹‹‹ prev (399) Page 389Page 389

(401) next ››› Page 391Page 391

(400) Page 390 -
390 TURAS A' CHUIOSDAIDH.
Rìgh, agns fear eile, à gur esan is fearr a dh' eadar-
mhìnicheas a rùn, tha sibh gu lèir a mach à slighe Da
fìrinn; cha-n eil fhios aig duine agaibh air inntinn an
Rìgh; cha-n eil Criosd'n'urmeasg, is iad na buachaill-
ean a luchd-comhairle diamhair, agus is ann aca tha
fios air diamhaireachd a Rìoghachd. Rachaibh-sa
uime sin agus ionaltraibh maille ris an treud, agus
taoghailibh na h-ionadan, anns an laidh iad sios mu
mheadhon-latha : a chum 's gu'm f òghlum sibh eòlas,
agus gu'n coimhid sibh bhur casan o thuisleachadh
ann an seacharan. Air dha na briathran so a labhairt
phill e-fèin agus a cho-luchd-turais uapa, agus thriall
iad rompa thar a' chòmhnard.
A nise cha deach iad fad air an aghaidh 'nuair aleum
duine mach à uaimh bhig a bha ri taobh an rathaid,
agus thàing e 'na dheann far an robh iad ; ghoirte do'n
uaimh so Uamh nan Smuaintean-Nàdurrach, agus b'e
ainm an duine Tuigse-dhaonna. Dh' f heòraìch e dhiù,
cia às a thàinig iad, agus c'àite bha iad a' dol ? Fhreagair
an Duine-Spioradail emarso, — Thàinigsinnà Gleann-
an-Leir-sgrios agus tha sinn a' dol a chum an Ierusa-
iem nèamhaidh, agus is math leinn do chuideachdsa
ma thèid thu leinn.
Tuigs -dhaonna. Tha rùin orm fèin an t-àite sin a'
ruigsinn, agus is math leam comunn deagh chuideachd'
sam bith ; ach tha umhail agam, gu'm beil sibhse 'cur
ruimhibh triall air an t-slighe a sheall na buachaillean
ud thrill duibh, huidheann a tha cheart cho aineolach,
mu thimchioll ri r Bodach-na-gea]aich\ ach a mhàin, gur
e sin is gnotbach dhaibh na h-uiread do dh' uirsgeulan
annasach aithris do choigrich, agus do luchd-turais, a
cur mar fhiachaibh orra gur iad-f^in seirbheisich an
Rìiih ; agus gur dreuchd dhaibh aoidheachd a thoirt do
dh' eilthirich, agus an seòladh air an turas ; tha iad a'
^abhail orra mar an ceudna, sealladh a thoirt air an
lerusalem nèamhaidh tre ghlain'-amhairc, agus aon do
dhorsan ifrinn a shealltainn daibh, ged nach eil annta
acn prasgam do dhù-chleasaichean, agus do chealgairean

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence