Skip to main content

‹‹‹ prev (398) Page 388Page 388

(400) next ››› Page 390Page 390

(399) Page 389 -
turas a' CHRIOSDAIDH. SÒ9
iad gu n robh na daoine a' labhairt mu thimchioll Rìgh
na tìre, ni a thug orra tòiseachadh ri dian chonnsach-
adh, a h-aon a' cumail a mach gu'n robh an Rìgh de'n
aon bharaii risan, thuirt fear eilegu'm b'ionnan breith-
eanas do'n Rìgh a's dàsan, thuirt an treas f hear — Gur
esan a mhàin a bha tuigsinn na h-inntinn, na toile, agus
na rùineachd Rìoghail gu ceart, aguslabhair gach duine
cuid do bhriathran o Leabhar-lagha an Rìgh mar
dhearbhadh air n'a labhair e-fem ; air chor is gu'n robh
mòr f huaim agus troimhe-chèile 'nam measg, ullamh
gu dol a ghabhail air a' chèile, gach aon g'a shaoilsinn
fe'in 'sa chòir, agus càch gu lèir 'san eucoir. B' ann mar
so a bha iad a' connspaid gus an do iabhair an Duine-
spioradal riu, agus gu'n tubhairt e, — " A dhaoine còire,
ciod is aobhar do'n ghlàmpar so ì" An sin leig iad diù
an ard-chainnt, agusdh'èisd iad le ro aire ciod a bha aige
ri ràdh, agus chaidh e air aghaidh mar so : —
Duine-Spioradail. Tha mi 'g ar cluinntinn a' conn-
sachadh gu dian, dùrachdach, ma thimchioll toil an
Rìgh ; a h-aon agràdh, gur ann aige-san isfearr a tha
fios ; agus fear eile 'g ràdh, gur esan is eòlaiche oirre ;
tha so a' toirt bhriathran Chriosd gu'm chuimhne, far
am beil e 'g ràdh ; — "Ma their aon duineruibh, Feuch,
a ta Criosd an so, no an sud ; na creidibh e : oir èiridh,
Criosdan brèige, agus fàidhean brèige, agus ni iad
comharran agus miorbhuilean mòra, ionnas na'm bu
chomasach e, gu'm mealladh iad na daoine taghta fè"in,
Feuch, dh' inuis mi dhuibh e roimh-làimh. Uime sin
their iad ribh, Feuch, a ta e 'san f hàsach, na rachaibh
a mach : feuch, a ta e 'sna seòmraichibh uaigneach, na
creidibh sin: oir a reir mar a thig an dealanach
o'n àird-an-ear, agus a dhealraicheas e gus an àird-an-
iar; mar sin mar an ceudna bhitheas teachd Mhic an
duine." (Mat. xxiv. 23 — 27-) Uime sin tha aobhar
agam a mheas gur mealltairean agus fàidhean breige
sibh gu lèir, a thaobh sibh a bhi cho ro choltach ris an
tuaraisgeul a thug an Tighearn air an leithid, feadh a
tha aon a' deanamh uaill à gur aithne dhasan inntinn an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence