Skip to main content

‹‹‹ prev (383) Page 373Page 373

(385) next ››› Page 375Page 375

(384) Page 374 -
Sy4 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
'A b'àill leis !" ars Inntinn-eudmhor; " faodaidh sibh B
bhi cinnteach nach e bhur dochann am feagh is e Toir-
na-f ìrinn a ta 'g ar gairm."
Tòir-na-fìrinn. Cha-n e mo chàirdean, tha mi 'g ar
gairm air son bhur matha, tha mi'n dòchas, agus
chum bhur n-iarrtas fèin a chomh-lionadh ; oir is tric
a chuala mi sibh a' bruidhinn air cho dèidheil sa' bha
sibh airtriall a chum na h-Ierusalem nèamhaidh, agus
a nise tha duine ann an so a tha dol dìreach ann, agus
bu ro mhath leis bhur cuideachd : air mo shon fèin tha
mi a' cur romham dol maille ris, agus deannaibh-sa
mar a chì sibh iomchuidh.
" Tha agus mis," arsa Sgìth-de'n-t-saoghal, " oir
cha-n eil ni sam bith 'san dùthaich so ach trioblaid,
àmhghar, cùram agusbròn, cha-n f huirichmi latha eile
innte ged dheanta rìgh dhiom. So, togamaid oirnn.''
lompackan. Tha mi-fèin air lasadh le dèidh air dol
do'n àite ghlòrmhor sin, mu'n cuala mi cho liugha ni
iomraiteach, cha-n eil spèis agam ciod na cruaidh-chàsan
tre'n tèid mi, no ciod na piantan a dh-fhuiligeas mi,
ma's e is gu'm faigh mi do'n àite sin air a' cheann ma
dheireadh.
Giilleadh. Agus air mo shonsais toigh leam arcuid-
eachd cho math is gu'n tèid mi leibh le'm uile chridhe
gu ceann an t-saoghail ; oir tha sibh a' labhairt choglic,
agus ag aithris sgeulachdan cho taitneach, is gun tug
sibh air falbh mo chridhe do'r n-ionnsaidh fèm ; tha
mi ullamh gu leaghadh àsan uair a chluinneas mi Tòir-
na-fìrinn a bruidhinn mu timchioll nan nithe iongant-
ach a ta anns an dùthaich nèamhaidh, agus mu thuras
at.har o Ghleann-an-Lèir-sgrios, agus cho caoimhneil sa
*»ha e air gabhail ris air an t-slighe ann an cuid do
thaighean matha.
Tòir-na-firinn. Ma tha sibh gu lè"ir toilleach thigibh
is leanaibh mise, agus bheir mi sibh a dh' ionnsaidh an
duine a tha 'san àm so air a thuras do Shion, tha e 'na
sheasamh dlù do dhorus na h-uamha so, làimh ri carragh
na h-Eachdraidh. Mar sin lean iad e adh'aon inntinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence