Skip to main content

‹‹‹ prev (382) Page 372Page 372

(384) next ››› Page 374Page 374

(383) Page 373 -
TURAS A CHRIOSDAIDH. 3/3
e*ifeachd sa'm hith ma's e is nach tàinig thu steach tre'n
Dorus a ta aig ceann na slighe cumhainn, agus mar a
h-urrainn thu teisteanas an Fhir-mhìnichich a sheall-
tainn, oir fhuair mi làn chinnt gu'n tug an Rìghteann
òrdugh gun aon duine a leigeadh a steach do'n bhaile
nèamhaidh, mar a bi e mar so air uidheamachadh.
An sin thuirt Tòir-na-fìrinn, [oir be so ainm an
duine,] tha teisteanas agam a fhuair m' athair dhomh
'nuair a thug e air falbh mi maille ris, agus thuirt e
rium gu'm b'ann o'n Fhear-mhìnichidh a fhuair se e,
ag iarraidh orm aig an àm cheudna, a ghleidheadh gu
cùramach.
Cogais-mhaoth. Ciod a b'ainm do t'athair ? agus cia
a's a thàinig e ?
Toir-na-fìrinn. Be ainm Beag-creideamh, agus
thàinig e o'n bhaile Treibh-dhireach.
Cogais-rnhaoth. O ! air leam gu'm cuala mi a bhi
bruidhinn uime; ma's e am fear a tha mis a' saoilsinn
a th'ann, tha iomradh air gu'n deach a spùilleadh ann
an ionad do'n goirear Sràid-nan-daoine-marbha.
Tòir-na-fìrinn. Tha dòchas agam nach e, ged a tha
mi cinnteach gu'n robh ni's leòir do dh'òr agus do
dh'airgead aige, maille ri beagan do sheudan luach-
mhor ; faodaidh mi 'ràdh gu'n robh earras gu lèir
aig air a ghiùlan, air chor, is ma chaidh a shlad
air an rathad gu'm beil e air a lèir-chreach : tha'n
naigheachd mhuladach so a' cur mòr chùram orm,
agus cha bhi sìth aig m' inntinn gus am faigh mi fins
cinnteach mu'n chùis ; uime sin, ma's e do thoil e,
deanamaid cabhag chum dol air ar n-aghaidh : oir tha
mi cinnteach gu'm faigh mi làn bhrath na cùis' air an
rathad — Gairmidh mi air dithis no thriùir eile de mo
chàirdean, aig am beil mòr dhè'idh air triall a chum na
dùthcha nèamhaidh ; agus leis am math falbh ann ad
dheagh chuideachd-sa. Mar sin ruith e chum na
h-uamha, agus ghairm e air Inntinn-eudmhor, Sgìth-
do'n-t-saoghal, Iompachan, agus Gèilleadh, agus thàinig
iad gu lèir a mach adh'fhiosrachadh ciod a b'àill leis?
2k

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence