Skip to main content

‹‹‹ prev (377) Page 367Page 367

(379) next ››› Page 369Page 369

(378) Page 368 -
368 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
chead a ghabhail diù. An sin dh'è'irich iadsan maihe
ris, agus thug iad e gu ionad-gleidhidh nan àrm a bha
dlù do'n dorus, agus an sin chòmhdaich iad e bho bhonn
gu mhullach le lùirich-chatha a's airm dhearbhta, mar
bu ghnà leò a dheanamh air gach eilthireach, a thaobh
gu'n robh a' chuid a bha roimhe de'n t-slighe ni bu
chunnartaich, oir bha 'n rathad air a chuartachadh le
meirlich, agus luchd-reubainn, maille ri mic Bhelial,
agus mortairean, fuathan agus aibhistearan ; thug iad
mar an ceudna dha a theisteanas : ni a liubhair e dhaibh
an uair a thàinig e air tùs a chum an taighe : An sin
chuir iad fe'in gu le'ir an làmh-sgrìobhaidh ris an
teisteanas chum a dhaighneachadh agus a neartachadh,
aig àithne dha a ghleidheadh gu cùramach. An sin
threòraich iad e chum an dorais, agus ghuidh iad
soirbheachach math dha air a thuras, mar sin dheal-
laich e riu le deòir air a shùilean.
Nise chunnaic miannamaisling gu'n dothriallCogais-
mhaoth air aghaidh le deaghchoiseachd gus an d'ràinig
e bearradh an aonaich, agus an sin bha'n rathad a'
tearnadh sios do Ghleann-na-h-Irisleachd, agus a thaobh
gu'n robh an rathad cas agus ro chunnartach ri thèarn-
adh, b'e'igin da deanamh air athais, agus a chudthrom
a leagadh air a luirg ; gidheadh bha e fathast ann an
cunnart sleamhnachadh agus bu ghann a b'urrainn e
efe'in a chumail o ruith no tuiteam sìos am bruthach :
ach fa-dheireadh lemòran spàirne ràinig e 'n còmhnard
agus chaidh e steach do Ghleann-na-h-Irisleachd.
A nise bu thalamh bog feitheach an gleann so gu
le*ir; agus bha e aig an àm so air a chòmhdachadh
thairis le uisg', air chor is nach robh ach aon rathad air
am faoite dol troimhe le tearuinnteachd, agus b'e sin
dol thar maidean àraid a bba air an cumail suas le
bacain agus goibhlean air an cuir ri ceann a che"ile, gun
a bhi ann ach leud aon mhaide caol fad an rathaid ; b'e
an t-ainm a ghoirte do na maidean so, Drochaid-an-
fheni-àicheadh, agus bha i bho thaobh gu taobh do
Ghleann-na-h-Irisleachd. Nise bha na h-uisgeachan

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence