Skip to main content

‹‹‹ prev (376) Page 366Page 366

(378) next ››› Page 368Page 368

(377) Page 367 -
TURAS a' chriosdaidh. 367
thaobh gu'm beil sinn buailteach do'n aon anmhainn-
eachd, fosgailte do na h-aon bhuairidhean, agus cuart-
aichte leis na h-aon chunnartan 'sa bha na prìomh
Chriosdaidhean ; agus is e trasgadh an aon ni is fearr
an aghaidh gach uilc dhiù so gu lèir. Tha trasgadh a'
claoidh a' chuirp, a' ciùineachadh an-tograidhean, a'
mùchadh ana-mhiann, agus a' beathachadh cràbhaidh,
is e ban-oglach na h-ùrnaigh agus bean-eiridinn a'
bheachd-smaointichidh, tha e glanadh na tuigse 'sa
cumail mi-bheusan fo cheannsal a' stiùradh na toile,
agus a' togail suas an duine chum caithe-beatha is
spioradaile : is e beatha nan aingeal, emanuel an anma,
buannachd mhòr a' chreidimh, an cothrom is fearr gu
uaigneas agus cràbhadh. 'Nuair a tha ceò ana-mhianna
feòlmhor air a mhùchadh agus air a chuir às, tha 'n
cridhe a' gabhail suas le lasair naomha gus an loisg e
mar na cheribum, agus mar na spioradan fiorghlan sin a
ta neo-thruaillidh. ls iad so fior e"ifeachdan cràbhaidh
agus bith-thrasgaidh, ni leis an tog iadsan, a ta ga
ghnàthachadh gu h-uaigneach fianais.
Cogais-mhaoth. Thug thu orm a bhi an gaol air trasg-
adh, le cunntais cho math a thoirt seachad mu thim-
chioll, le bhi toirt fainear f heumalachd do'n anam agus
do'n chorp, agus tha mi a' cur romham gu'n toir mi
rìeuchainn da mi fèin an dèigh so, oir a re"ir mo bheachd,
tha e dìreach mar thubhairt thu, a' toirt air duine
teannadh ni's dlùithe do Dia, air da anam a bhi le
stuamachd agus trasgadh air a tharruinn, mar gu'm
b'eadh o'n chorp, agus o gach ni o'n leth a muigh, a'
teicheadhair falbh d'aionnsaidhfèin, agus a' suidhe sios
ann am pàilliunn diamhair 'san taobh a staigh fo sgàile
na diadhachd, agus a' mealtainn comh-chomuinn agus
aonaidh ni's dlùithe ri Dia.
'Nuair a chuir Cogais-mhaoth crìoch air na briath-
ian so, thòisich e air a chuir f^in na uidheam air son a
thurais ; a' toirt taing dhaibh gu lèir air son na deagh
aoidheachd a f huair e uapa, agus gu sònraichte air jjon
an comh-labhairt buannachdail, agus dh'èirich e suas gu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence