Skip to main content

‹‹‹ prev (364) Page 354Page 354

(366) next ››› Page 356Page 356

(365) Page 355 -
TURAS a' chriosdaidh. 355
agus gach uile dhiùm-buaidh cuirp agus anma chum a
chloinne, ni thug uile ghinealaichean an t-saoghail fo'n
aon mhi-shuaimhneas, truaillt' araon an corp agus an
anam, air an gin ann am peacadh agus air am breith
ann an euceartan. Ach mar nach biodh iad truagh
ni's leòir ann an ceud truailleachd an nàduir tha
'chuid is liugha do'n chinne-dhaona a' feuchainn an
truaighe a mheudachadh, le'm buanachadh 'nan droch
chleachdaidhean do'n aon chionta ; craos agus misg a'
riaghladh thar a' chuid is mò do'n t-saoghal.
Se so an t-aobhar mu'm beil stàtan na measarrachd
ann an ithe 's an òl cho teann air an ceanghal ris a'
chomunn so ; agus bu mhath na'n deanadh an saogha!
gu Ì6ir an coimhid ; an sin bhiodh inntinnean fallain
aig muinntir ann an collainean sunntach,
Cogaìs-mhaoth. C'àite' am beii a' mheasarrachd sin
ann an ithe 'san òl a' comh-sheasamh ?
Measarrachd. Tha i a coirih-sheasamh ann an srian
riaghailteach a chur ris a' chàil a chum cùimse àraid
do bhiadh 's do dheoch, agus a thaobh a' ghnè bhìdh
a's dibhe a th' air a cheadachadh dhuinn a ghabhail.
Cogais-mhoath. Guidheam ort, nochd dhomhsa cia
mar a tha i a' comh-sheasamh ann an srian a chur ris
a' chàil a thaobh cùimse.
Measarrachd. Tha i a' teagasg dhuinn gun ni's mò
ithe no òl air aon tràth, no na's tric an aon Jatha, no na
tha iomchuidh chum slàinte a' chuirp, 110 na dh'f hògh-
nas do nàdur, agus na dh' ùraicheas an spiorad, tha sin
a' cumail a' chuirp callda, agus da thoirt fo ùmhlachd
do'n anam, chum gu'm bi na ceudfathan is suaraiche
umhal do na ceudfathan a's urramaiche. ■
Cogais-mhaoth. Ach cia mar a bhios f hios aig duine
air an f hior chùimse a dh'fhòghnas a chum slàinte a
chuirp, no na tha dhìth air nàdur, agus na dh'ùraicheas
an spiorad ; a thaobh gu'm beil cho liugha caochladh
cuirp 's an t-saoghal 'sa th'ann do dh-aodannan ?
Measarrachd. Is e an dòigh air am fiosraichear sin, na
h-uiie neach an aire thoirt da nàdur fèin, agus tuigidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence