Skip to main content

‹‹‹ prev (363) Page 353Page 353

(365) next ››› Page 355Page 355

(364) Page 354 -
354 TURAS a' chriosdaidil
an measarrachd, a thaobh ithe agus òil, oir tha reachd
air a thoirt dhuinn mu'n na nithe so a dh' f heumas
sinn a choimhid teann fo throm ùmhladh, ni a tha mi
a' smaointeach a dhearmaid thu aithris.
Cràbhadh. _'S fior, gu deimhin, gu'n dhearmaid mi
sin aithris, agus is toilichte ta mi air son an dearmaid,
a chionn gu'n tug mi leis a' sin cothrom dhutsa
chum labhairt ni's mionaidiche mu thimchioll na
cùise, thaobh gur tu a's comasaiche air labhairt mu'n
phuing no mise, agus thu bhi air do shònrachadh
mar neach-mìnichich an reachd sin ; uime sin guidheam
ort, innis do'n eilthireach m'a thimchioll.
Measarrachd. Tha stàtan na measarrachd so a thaobh
ithe agus òil air a socrachadh, air na smaointean so, gu'n
thuit Adamh tre itheadh a mheas thoirmisgte. B'e ithe
an ceud pheacadh a chuireadh an gnìomh leis a' chinne-
dhaona. ÌNise ged nacheil e soilleir cò dhiùa shruth e o
ghalar nadurrach eigin anns an ubhal a dh' ith Adamh,
no bho anailnimheil na nathrach amhol am meas sin do
dh' Eubh, nobhoaobhar diamhair eigin eile, gidheadh,
tha sinn cinnteach a thaobh gu'n robh Adamh roimh
an àm sin an làn-iomlanachd an nàduir dhaona, ('na
iomhaigh bheò an Dè" ghlòrmhor — anam làn do ghath-
an-solais na soillse siorruidh — a thuigse soilleir agus
ciùin mar a' mhadainn — a rùn seasmhach, agus umhal
da chiall reusanta, — a chorp gu sunntach, fallain, —
sgiamhach, cumair, barrait' agus neo-bhàsmhor), cha
bu luaithe bhlais e do 'n mheas mharbhtach so 'na
thàinig caochladh iongantach air, bha iomhaigh Dhè air
a milleadh air ball, dh'fhàs anani dorcha, gruamach,
a thuigse agus a reusan mall agus neo-iomairteach,
agus dh' atharraich a rùn ; a dh' aon f hacal, bha uile
cheufathan anma air dol araon à n-ionnad agus às an
aitaibh gnàthaichte ;— bha chorp air fàs lag agus mi-
thallain, buailteach do dh'iomadh eugail, teinn a's
anmhainneachd, agus fa-dheòigh do'n bhàs fèm : be so
toradh itheanaich mhi-iomchaidh. Ach cha dostad am
usi-àgh an so, ach ghiùlan se e chum a ghinealaioh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence