Skip to main content

‹‹‹ prev (307) Page 297Page 297

(309) next ››› Page 299Page 299

(308) Page 298 -
298 TURAS A* CHRIOSDAIDH.
Aa uair a bha iad dlù air bhi as an f hearann so,
chual iad rompa torman o neach a bh' ann an ioma-
gain. Agus an uair a thàinigiad far an robh e, chunn-
aic iad fear air a dbà ghlùn,le làmhan agus a shùileau
togte suas, is e, air leo, a' labhairt gu dùrachdach ri
aon a bha os a cheann. Thàinig iad dlù dha, ach cha
robh iad a' tuigsinn ciod a bha e 'g ràdh ; agus rinn iad
air an socair gus an robh e 'na thosd. An uair a sguir
e, dh' èirich e, agus thoisich e ri ruith chum a' bhaile
nèamhaidh. An sin ghlaodh Misneachail ris e dhean-
amh stad beag, gus am biodh iadsan leis, m'as ann air
a thuras chum a' bhaile nèamhaidh a bha e. Le so a
chluintinn stad e, agus thàinig iad far an robh e. Cho
luath 's a chunnaic lonraic e, thuirt e, 's aithne dhomhs'
an duine so. An sin thuirt Gaisgeil, cò e ? Is e a
th'ann fear a thàinig as a choimhearsnachd as an tàinig
mise, 's e ainm Bi-gramail ; is deagh f hear-cuairt e.
Mar so thàinig iad am fagus da che'ile; agus thuirt
Bi-gramail ri sean Ionraic, O ! athair Ionraic, am beil
thus' an so ? Tha mi, ars' esan, cho cinnteach 'sa tha
thus' an sin : 'S buidheach mi dheth, arsa Bi-gramail,
a chionn mi t'fhaotainn air an t-slighe-sa. Tha mis',
ars' am fear eile, cho toilichte gu'm faca mi air do ghlùin-
ean thusa. An sin thàinig rughadh an aodainn Bhi-
gramail, agus thuirt e, Ach am faca tusa mi ? Chunnaic
mi, ars' am fear eile, agus bha aiteas orm air a shon.
C'arson, ciod a smuainich thu ? arsa Bi-gramail. Ciod
a smuainich mi ? arsa sean Ionraic, ciod bu chòir dhomh
a smuaineachadh ? Air leam gu'n d' amais duine còir
oirnn air an t-slighe, agus gu'm biodh a dheagh chuid-
eachd againn air ar turas. Is toilichte bhitheas mise
m'ar mothaich thu bhi air do mhealladh 's a bharail a
th' agad umam. Tha t'eagal 'na dheagh chomharradh
leam ort, gum beil a' chùis gu math eadar t'anam agus
Ceann-feadhna an luchd-cuairt ; oir ars' esan, Is beann-
aicht an ti air am bi gnà. eagal.
Gaisgeil. A nis' a bhràthair, innis duinn an t-aobhar
mu'n robh thu 'san àm so air do ghlùinean ? An ann

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence