Skip to main content

‹‹‹ prev (306) Page 296Page 296

(308) next ››› Page 298Page 298

(307) Page 297 -
TURAS a' chetosdaidh. 29"
arsa am fear eile. Le sin a chluinntinn rinn fear
de'n chloinn gàire.
An sin tliuirt a' Bhana-chriosdaidh, ciod is ciall d'a
so ? Thuirt am fear-iùil, Gu'n robh iad a' cainnt' nan
cadal. Ged a bhuail thu iad, no ge b'e ni a nìdh thu
orra, 's ann air an dòigh so a f hreagras iad thu : no
mar thuirt fear dhiù fèin roimhe so, an uair a bha
tuinn na fairge ga bhualadh, 's a bha e 'na chadal, mar
gu'm b'ann, am barr a' chrionn. (Gnà. xxiii. 34, 35.)
An uair a mhosglas mi iarraidh mi rithist e. Tha
fìos agaibh 'nuair labhras daoine 'nan cadal, gur coma
leo ciod a their iad ; agus nach eil na labhras iad air a
riaghladh le creideamh no le reusan. 'S e so brìgh na
cùise, 'nuair a ihèid muinntir neo-chùramach air thuras,
's math an ràth dhaibh mar ann mar so a dh' èireas
daibh. Oir 'se fearann so na drùidheachd aon do na
h-ionnsaidhean mu dheireadh a bheir nàmhaid nan eil-
thireach orra, uime sin tha e goirid o cheann na slighe,
chum 'nuair bhios daoine gu h-airsneulach sgìth, gur
dàch iad fois a ghabhail ann. 'S ann air a shon sin a
tha fearann na drùigheachd cho dlù air tìr Bheulaih,
agus cho fagus air crìch ar cuairt. Air an aobhar sin,
thugadh luchd-cuairt an aire dhaibh-san, a thuit 'nan
cadal, agus nach gabh dùsgadh.
An sin dh' aslaich an luchd-turais gu'n rachadh iad
air an aghaidh, agus am f àgail ; agus gu'n lasadh e
solus dhaibh, chum 's gu'm bu leur dhaibh air a' chuid
eile do'n t-slighe, (2 Pead. iv. 1 9.) Rinn e mar sin agus
bha solus aca rè na cuid' eile do'n t-slighe, ged a bha
dorchadas mòr ann. Ach thòisich a chlann ri bhi ro
sgith ; agus dh' digh iad ris-san leis an ionmhuinn
luchd-cuairt, an t-slighe a dheanamh ni bu shocraiche
dhaibh. Agus air dhaibh dol tamall beag air an
aghaidh, dh' èirich gaoth a sgaoil an ceò, ionnas gu'n
robh e ni bu shoilleire.
Gidheadh cha robh iad f hathast àfearannna drùigh-
eachd, ach a mhàin gu'm bu lèir dhaibh an taobh a
ghabhadh iad ni b'fhearr.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence