Skip to main content

‹‹‹ prev (292) Page 282Page 282

(294) next ››› Page 284Page 284

(293) Page 283 -
TURAS a' chroisadidh. 283
'S an uair a chunnaic na buachaillean, na h-urrad
diù còmhlath, thuirt iad ri Misneachail, 's taitneach a'
chuideachd a f huair thu 'n so ; c'àit an d'f huair thu
iad ? agus cò iad ?
An sin thuirt Misneachailgu'nrobh bean Chriosdaidh
ann agus a clann, a chaidh iompachadh o dhorchadas
gu solus, sean Ionraic, Inntinn-lag, Ullamh-gu-stad,
Trom-inntinn, agus a nighean Geilt, agus gu'm bu
mhath leo fios f haotainn am faigheadh iad aoidheachd
ann an so a nochd, no'm b' eigin daibh dolni b'fhaide ?
An sin thuirt na buachaillean, is taitneach a' chuid-
eachd a tha 'n so, 's e'ur beatha againne, oir tha againn
do'n lag cho math agus do'n laidir ; tha cùram aig ar
Ceann-feadhna mu na nithear air an neach is lugha
dhiù sin, (Mat. xxv. 40.) Air an aobhar sin cha'n
fhaod laigse casg a chuir air arbiatachd. Mar sin thug
siad iad gu dorus na lùthchairt, agus thuirt iad riu air
an ainm dol a steach. Thuirt na buachaillean ri Mis-
neachail, gun tug iad air an ainm cuireadh dhaibh sin,
a chionn gu'm beil iad ullamh gu dol air an ais, eadhon,
Inntinn-lag, Ullamh-gu-stad, Trom-inntinn, agus Geilt
a nighean; ach air do shons' agus a' mhuinntir eile a
tha laidir, tha sinn gu'r fàgail gu'r saorsa gnàthaichte.
An sin thuirt Misneachail, tba mi "n diugh a' faicinn
gu'm beil gràs a' dealradh 'n ur gnùis, agus gur sibh da
rìreadh buachaillean mo Thighearna ; a chionn nach
do bhuin sibh gu mi-shuairce ris a' mhuinntir dheireas-
ach, agus gu'n d' f hàiltich sibh am beatha do'n lùchair,
leis gach furan bu chaomhaile, mar bu chòir. Esec.
xxxiv. 21.
Mar sin chaidh an lag agus an ciorramach a steacli,
agus lean Misneachail agus càch iad. An uair a shuidh
iad, dh' fheòraich na buachaillean a dh' aon do'n
mhuinntir bu laige, ciod a ghabhadh e? Oir thuirt
iad, 's èigin gu'm bi gach ni air a riaghladh 'san àite so
chum an lag a chumail suas, cho math agus chum sanus
a thoirt dhaibh-san a tha mi-riaghailteach. Mar so db'
ullaich iad cùirm do nithibh a bha faiiain, 's tahneach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence