Skip to main content

‹‹‹ prev (291) Page 281Page 281

(293) next ››› Page 283Page 283

(292) Page 282 -
282 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
cha robh sin deacair r'a dheanarah chionn nach bu bheò
am Fàmhair. Bha iad car sheachd laithean ga leagadh,
agus f huair iad do luchd-cuairt ann, aon cr* am b' ainm
Trom-inntinn, agus Geilt a nighean, a bha dlù air bhi
marbh do'n ghort', agus shaor iad beò às iad. Ach
chuireadh e ìoghnadh ort f haicinn na bha do chuirp
mharbha bhèubainichte, agus do chnamhan dhaoine
'san àite sin. An uair a chuir Misneachail agus a
chuideachd crìoch air a' ghnothach ud, thug iad leo
Trom-inntinn agus a nighean, oir bu shluagh còir iad,
ged a bha iad an làimh ann an Daighneach-an-teagamh
aig Famhair-gun-dòchas. Thugiadleo mar an ceudna
ceann an f hamhair, ach dh' adhlaic iad a chorp fo chàrn
chlach, agus thàinig iad chum na-h-aiteam a dh'fhàg
iad, agus dh'innis iad daibh mar a rinn iad. An uair a
chunnaic Inntinn-lag agus Ullamh-gu-stad ceann an
Fhamhair bha iad ro aoibhneach. Rinn iad uile gàirde-
achas mòr air son mar shoirbhich leo ; 's an uair a thòis-
ich càch air gàirdeachas, 's ann a thug Trom-inntinn
làmh air a' bhiadh, oir bha e air a chlaoidh le acras ;
agus thug a' Bhana-chriosdaidh dha balgam às an
t-searraig, agus dh' f hàs e gu treum, misneachail.
A nise chunnaic mi am aisling 'nuair a rinneadh na
nithe sin gu'n do ghabh Misneachail ceann an Famhair,
agus gu'n do chuir e suas ri taobh na slighe e air crann,
thall fa chomhair an àit anns an do chuir Criosdaidh
suas cùimhneachan, a thoirt sanais do luchd-turais
fuireach o fhearann an Fhamhair. An sin sgrìobh e
an rann a leannas air cloich fo na chrann : —
So coann an Fhamhair mhòira bhuin
Ri eilthirich gu teann,
Chuir Misneachail gu bàs a bhean
'Sa Dhaighneach bun os-ceann.
Dh' imich iad an sin air an turas, gus an d'ràinig iad
na beanntan taitneach, far an d'ath-bheothaicheadh
Criosdaidh agus Ciatach le nithibh sòghail nam beann.
Chuir iad an eòlas air na buachaillean, a rinn am beatha
gu cridheil, mar rinn iad ri Cxiosdaidh roimhe.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence