Skip to main content

‹‹‹ prev (289) Page 279Page 279

(291) next ››› Page 281Page 281

(290) Page 280 -
280 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
Tha sibh a' faicinn gu'm beil 's an àite so tìor-uisge,
rèithleanan taitneach, blàithean maiseach, iomadaidh
seòrsa chraobh, a tha giùlan meas fallain : Cha'n e an
seòrsa meas a dh' ith Mata, a bha'n crochadh thar bala
lios Bheelsebuib ; ach meas a bheir slàinnt' à easlainte,
agus a mheudaicheas i far am bì i.
Mar so bha iad deònach an clann beag earbsa ris ;
agus bha iad ni bu deònaiche sin a dheanamh, a chionn
gur h-ann air cosgais an Rìgh a bha'n t-iomlan, agus
gur h-e bh'ann taigh-eiridinn do chloinn òig agus do
dhìlleachdanan. •
Chaidh iad a nis' air an aghaidh ; agus an uair a
thàinig iad gu Rèidhlean an f hrith-rathaid, a dh' ionn-
saidh a' bhealaich, thar an deach Criosdaidh agus a
chòmpanach Ciatach, an uair a ghlac Famhair-gun-
dòchas iad, 'sa chuir e 'n làimh iad ann an Daighneach-
an-teagamh, shuidh iad a chur an comhairle ri che"ile,
ciod a b' f hearr dhaibh a dheanamh, o'n a bha iad a
nise cho comasach, agus gu'n robh Misneachail 'na
cheann-iùil aca, am bu chòir dhaibh ionnsaidh a thoirt
air an Fhamhair, agus a dhaighneach a leagadh sìos, 's
ma bha hheag de luchd-cuairt ann, an cuir fa-sgaoil,
mu'n rachadh iad ni b' fhaide. Theireadh a h-aon
diù aon rud, agus theireadh an t-aon so rud eile. Bha
aon diù 'g ràdh nach robh e ceadaichte dhaibh imeachd
air talamh neo-choisrigte ; thuirt neach eile gu'n robh,
nam b' ann air gnothach math a bhitheadh e ; ach thuirt
Misneachail, ge nach f haod a' bharail ma dheireadh a
bhi airmhodhcoitcheann fior,gidheadh gu'n robh àithne
aige-san cuir an aghaidh a' pheacaidh, buaidh a thoirt
air an olc, agus cath math a chreideimh a chur ; agus
cò ris is càra dhomh an cath math so a chur, no ri
Famhair-gun-dòchas ? Bheir mi ma ta ionnsaidh air a
chuir gu bàs, agus air Daighneach-an-teagamh a chuir
às a che"ile. An sin thuirt e, Cò a the"id leam ? An sin
thuirt sean lonraic, Thèid mise leat. (1 Eoin ii. 13,
14,) the"id sinne ann cuideachd, thuirt ceathrar mac na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence