Skip to main content

‹‹‹ prev (288) Page 278Page 278

(290) next ››› Page 280Page 280

(289) Page 279 -
TURAS A CHRIOSDAIDH. 2/9
aige, ghabhiadiongantas, marghabh Criosdaidh roirnhe,
gun rachadh daoine cho geur-chuiseach riusan a thaobh
san àite sin. Ach a mhàin thug iad fainear nach eil na
h-urrad mhothachaidh aig daoine air dosgainn chàich,
gu h-càraidh ma tha 'n ni o'n d' èirich e a' furan buann-
achd air an neo-eagnaidh.
Cunnaic mi nise gun deach iad air an aghaidh, gus
an d'ràinig iad taobh na h-aibhne a bha eadar iad agus
na Beanntan Taitneach.
An abhainn far an robhna craobhan àluinn a' fàs air
gach taobh dh'i a tha 'n duilleach 'nan ìoc-shlaint air
ioma gnè eucail, far am beil an t-àilean uaine gach
aon àm, agus far am faodadh iad laidhe sìos gu tèar-
ainnte. (Salm. xxxiii. 2.)
Bha mainneirean chaorach air an àilean sin ri taobh
na h-àibhne, agus taigh air a thogail far an rachadh na
h-Tiain, (naoidheanan nam ban sin a bhiodh air eilthir-
eachd,) àraeh agus a thogail suas. Bha fos san àite so
fear air an robh an cùram, a bhuineadh gu h-iochdmhor,
bàigheil riu, a chuartaicheadh Je ghàirdean nah-uain,
's a ghiùlaineadh 'na uchd iad, sa dh' iomaineadh gu
sèamh an sprèidh a tha trom le h-àl. (Eabh. v. 2. Isa.
xl. 11.) Air an aobhar sin dh' iarr a' Bhana-chriosd-
aidh air a' ceathrar nighean anclann mhaoth achur air
cùram an duine so, chum gu'm biodh iad air an gabhail
a staigh, fo dhìon, agus air am beathachadh ri taobh
nan uisgeachan sin, agus nach biodh a h-aon diù air
chall na dhèigh sin. Ma dh'èireas gu'n tèid a h-aon
diù air seacharan, no air chall, bheir an duine so air an
ais a rithist iad, ceanglaidh e suas na bhios leòinte, agus
neartaichidh e na bhios tinn. (Ier. xxiii. 4. Esec.
xxxiv. 11 — 16.) An so cha bhi easbhuidh bìdh, dibhe,
no aodaich orra; an so coimhidir sàbhailt iad o mhearl-
aich agus o luchd-spùinnidh ; oir fuiligidh an duine so
am bàs mu'n caillear aon ni a dh' earbar ris. Osbarr
bithidh iad so fo dheagh oilein air an rogha teagaisg
agus bithidh iad air am fòghlum san t-slighe cheaiV^
agus tha fios agaibh gur àghmhor an gnothach sin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence