Skip to main content

‹‹‹ prev (188) Page 178Page 178

(190) next ››› Page 180Page 180

(189) Page 179 -
TURAS A' CHRIOSDAIDH. 17^
e mar sin ? Thuirt e rium gun robh ; agus gun robh
mòran a gabhail os-làimh a bhi 'nan sèirbhisieh aig an
Rìgh, agus a ròidean mòr a chàradh, a tha toirtaolaich
agus salachair d'a ionnsaidh, an àite chlach ; agusatha
leis a sin g'a mhilleadh, an àit' a chàradh. Sheas a
Bhana-chriosdaidh agus a clann aig bruaich an t-sluic;
ach thuirt Tròcair, Thugamaid ionnsaidh air dol thairis;
ach a mhàin bitheamaid faicilleach. An sin ghabh iad
sàr-bheachd air a' chlacharan, agus chaidh iad san
turrachdail thairis.
Ach is ro-bheag a bha eadar a' Bhana-chriosdaidh
agus a bhi ann uair no dhà. Ach cha luaithe thainig
iad thairis na chual iad guth ag ràdh riu, — " Is beann-
aichte ise a chreid ; oir coilionar na nithe a làbhradh
rithe leis an Tighearna."
An sin dh'imich iad a rithist air an aghaidh, agus
thuirt Tròcair rithe, Nam biodh na h-urrad bharantais
agamsa gu'n gabhte rium aig an dorus chumhann 'sa tb*
agadsa, shaoilinn nach cuireadh Sloc-na-mi-mhisnich
eagal orm.
Thuirt a' Bhana-chriosdaidh rithe, tha t'aobhar eag-
ail fèin agadsa, agus tha sin agamsa cuideachd : agus
cha n-eagal nach bi ni's leòir do dh'aobhar gearain againn
uile mu'n ruig sinn ceann na h-uidhe.
Oir cha 'n ion a bhi ann am barail, gu'm bi sluagh air
am beil a rùn glòir cho àgmhor f haotainn 's a tha sinne ;
agus ris am beil na h-urrad farmaid air son an t-sonais
sin 's tha ruinne, nach tachair riù iomadh culaidh-eagail,
ribe, agusgach cruaidh-chas, a dh'f haodas iadsan air am
beag sinn a chuir 'n ar caramh.
An sin dhealaich sinn, agus cha d' aithris e tuilleadh
ga sgeula dhomh. Uime sin air leam gum faca mi am
aisling, gu'n deach a' Bhana-chriosdaidh, Tròcair agus
a chlann suas chum an doruis : agus an uair a thamig
iad, chuir iad an comhairle r'a chè'ile cia mar dheanadh
iad, agus ciod a theireadh iad ris-san a dh'fhosgladh an
dorus daibh. Shònraich iad a nis', o'n a b' i Bhana-
chriosdaidh bu sheinne gu'm buaileadh ise, agus gun

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence