Skip to main content

‹‹‹ prev (187) Page 177Page 177

(189) next ››› Page 179Page 179

(188) Page 178 -
178 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
caoineadh. An sin thuirt a Bhana-chriosdaidh rithe,
a phiuthar c'arson a tha thu gul ?
Tròcair. Mo thruaìghe ! thuirt i, Cò air nach biodh
bròn, smuaineach air a' chùis, mar tha mo chàirdean
truagh' ann an cor cunnartach sa' bhaile pheacach a
dh'f hàg sinn : agus tha e cuir am barrachd trioblaid orm
nach eil neach sam bith anna sheòlas daibh an cunnart
anns am beil iad.
Bana-chriosdaidh. Tha bhi tiom-chridheach dualach
do luchd-cuairt' ; agus tha iomagain orts' air son do
chàirdean marbha air Criosdaidh mu'n dh'fhàg e mise ;
bha bròn air a chionn nach èisdinn-sa ris ; ach thaisg a
Thriath fe"in agus ar Triath-ne a dheòir suas 'nashearr-
aig, agus tha thus' agus sinne a' buain an toraidh agus
an sochair. Tha dòchas agam à Thròcair, nach bi na
deòir sin agadsa càillte ; oir thuirt an fhìrinn, " Iadsan
a chuireadh siol le deuraibh buainidh iad le gàirdeachas.
E-san a the'id a mach agus a ghuileas, agiomchar rogha
sìl, gu cinnteach thig e a rìs ]e gàirdeachas, ag iomchar
a sguab." (Salm cxxvi. 5, 6.) An sin thuirt Tròcair,
Ma's deònach leis an Ard-Rìgh e,
Mo stiùradh anns gaeh càs ;
A'8 mo thoirt chum a thulajch naomh,
Le chumhachd, a's le ghràs.
'S na leigeadh e leam uair sam bith,
Claonadh o'n t-slighe chòir ;
Ach deanadh e mo chumail suas,
An cian a bhios mi beò.
Is togadh e na dh'f hàg mi m' dhèigh,
'Sa thoil, gun deantar leo !
A ghuidhe ghnà gum bi iad leis ;
'S an gabhail suas chum glòir.
Lean mo sheanna chòmpanach air a naigbeachd, agus
thuirt e, 'nuair a thainig a Bhana-chriosdaidh chum
Sloc-na-mi-mhisnich, thòisich i ri eagal a ghabhail; oir
thuirfc i, 's e so an sloc a theab cuir às do m' chaomh
chòmpanach. Chunnaic i, a dh' aindeoin àithn' an
Rìgh chum a chàradh, gun robh e pailt na bu mheasa
na bha e roimhe : agus dh'f heòraich mi dheth an robh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence