Skip to main content

‹‹‹ prev (184) Page 174Page 174

(186) next ››› Page 176Page 176

(185) Page 175 -
TURAS A' CHRIOSDAIDH. 175
Bha truas aice ris a' Bhana-chriosdaidh, agus air leatha
gu'n rachadh i tacan leatha air a turas chum a comh-
nadh. Anns an dara h-àite. Dh'fhàs truas aice da h-
anam fein, oir dhrùigh na thuirt a' Bhana-chriosdaidh
oirre cho mòr, 's gu'n dubhairt i rithe Mn, bithidh
fathast tuille seanachais agam rithe ; agus ma thuigeas
mi gur i 'n fhìrinn a bhios aice, falbhaidh mi leatha air
fad. Agus thuirt Tròcair ri Cion-cruadail.
Tròcair. A Bhana-choimhearsnaich, thainig mi an
so )eat-sa sa' mhadainn a dh'fhaicinn na mnà so ; agus
o'n a tha i cur roimpe a dùthaich f hàgail, the"id mi greis
an t-slighe leatha ris a' mhadainn ghrianaich so, chum
còmhnadh leatha air a turas. Ach cha d'innis i dh'i an
dara h-aobhar.
Cion-cruadail. Ro mhath, tha mi faicinn gu'm beil
a rùn ortsa bhi t-òisich cuideachd : Ach thoir an aire
dhut fe"in na thrà: is usa fuireach à cunnart no teachd
as 'nuair a the'id sinn ann. Mar so phill Cion-cruadail
dhachaigh ; agus db'f halbh a Bhana-chriosdaidh air a
turas. Ach 'nuair a chaidh Cion-cruadail dhachaigh,
chuir i fios air cuid da bana-choimhearsnaichibh, eadhon
air Doilleir, air Cion-smuainichidh, air Guanaig, agus
Aineolach: Agus 'nuair a thàinig iad, thòisich i ri
innseadh dhaibh mu'n Bhana-chriosdaidh, agus mu'n
turas air an robh i air imeachd, Agus thuirt i mar so:
Cion-cruadail. A chionn gu'n robh mi sa' mhadainn
air bheag r'a dheanamh, smuainich mi gu'n rachainn
a dh' f haicinn Bana-chriosdaidh ; 'sa 'nuair a rainig
mi'n dorus, bhuail mi, mar is gnàth leinn; agus f hreag-
air i, Ma's ann an ainm Dhè a tha thu teachd, thig a
staigh. Chaidh mi steach, an dùil gu'n robh gach ni
mar bu chòir dha bhith : Ach nuair a chaidh, thuig mi
gur ann a bha i ga deanamh fèin agus a cuid cloinne
deas chum am baile f hàgail. Dh' fheòraich mi dh'i
ciod bu chiall d'i, agus thuirt i rium gu'n robh a mhiann
oirre falbh air chuairt mar rinn a fear. Dh'innis i mar
an ceudna dhomh bruadar a chunnaic i, agus mar chuir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence