Skip to main content

‹‹‹ prev (183) Page 173Page 173

(185) next ››› Page 175Page 175

(184) Page 174 -
J 74 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
as a broilleach, agns leugh i dhaibh i, agus thuirt i an
riu sin, Ciod a nis' 'ur barail mu'n ohùis ?
Cion-cruadail. Tha agam fèin barail amaideach
uime. Air ìeam gur truagh am buaireadh a thainig
ort fein agus air t'fhear dol aruith a cho liugha cunnart
gun fhios c'arson : 's cinnteach mi gu'n cuala tu an
sàrachadh a f huair t'fhear na cheud dol a mach, mar
dh' fhaodas do choimhearsnach Ceann-laidir innseadh
dhut, oir bha e leis ; seadh, agus Socharach cuideachd,
gus nach dùirigeadh iad, o'n a bha iad glic, dol ni b'
fhaide.
Chuala sin a thuilleadh air sin mar thachair e air na
leòghain, Apolion, air Sgàile-bhàis, agus ioma ni a bharr
orra sin. Agus cha n-e'n cunnart san robh e aig Fè'ill-
an-diomhanais bu lugha : oir ma bha e-san a bha 'na
dhuine air a dheuchainn cho mòr, ciod ris am bi dùil
agad a thig riutsa nach eil ach ad' bhoireannach bochd
lag ? Cùimhnich cuideachd air a cheathrar leanaban so,
ciod a ni iad. Air anaobhar sin ged a bhiodh tu caoin-
shuarrach umad fèin, shaoilinn air ghaol do chloinne gu'm
bu chòir dhut fuireach aig an taigh.
Ach thuirt a Bhana-chriosdaidh rithe, na teann ri m
bhuaireadh : tha geall air a chur a'm' làimh chum a
bhuannachd, agus b'òiseach mi da rìreadh mar tugainn
ionnsaidh air a chosnadh. Agus tha gach ni a dh' innis
thu a b'ion domhdùil a bhi agam ris air ant-slighe, cho
fad o mhi-mhisneach a thoirt domh, 's gur ann a tha iad
a' deacbdadh dhomh gu'm beil m' ionnsaidh ceart. 'S
èigin gun tig an searbh roi'n mhilis, agus f àgaidh sin
am milis ni's ro-bhlasda. Agus o nach ann an àinm
Dhè a thainig thu do m' thaigh, mar labhair mi, guidh-
eam ort bi ga f hàgail,' agus na cuir tuilleadh dragh'
orm.
An sin thòisich Cion-cruadail r'a càineadh, agus
thuirt i r'a bana-chòmpanaich Tròcair, fagamaid leatha
fèin i ; cha'n eil meas aic' aon chuid air ar cuideachd no
air ar comhairle. Ach bha Tròcair san ioma-chomhairle
ciod a dheanadh i, air son dà aobhar, Anns a' cheud àite.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence