Skip to main content

‹‹‹ prev (135) Page 125Page 125

(137) next ››› Page 127Page 127

(136) Page 126 -
126 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
an e gu'n teicheadh iad air son fathrum aon duine a
chluinntinn a' teachd air an rathad, mar b'e sin a bhiodh
annta ? C'arson nach do ghlac Beag-creideimh beagan
tuille misnich ? Shaoilinn gu'm faodadh e seasamh riu
car sealan agus gèilleadh 'nuair a dh'f hartlaicheadh \aà
air.
Criosdaidh. Is iomadh neach a thubhairt gu'm bu
chladhairean iad, ach 's beag a f huaradh mar sin iad
'nuair a thigeadh àm na deuchainn. Cha robh Beag-
creideimh idir cruadalach : agus tha mi tuigsinn ged
bu tus' a bhiodh ann, nach robh thu ach ri cathachadh
beag a dheanamh agus an sin strìochdadh. Agus n'ar
tachradh iad oirnn an ceart-uair cha'n aithne dhomh
nach deanadh tusa mar rinn e-san.
Ach smuainicha rithist cha n-eil annta sudach fògh-
lumaichean mheirleach, fo riaghladh rìgh sloc-an-
dubh-aigein : neach, ma dh'fheumas iad e, a thige fe"in
g'an còmhnadh, agus tha 'ghuth mar bheucaich
leòghain.
Bha mise mi-fèin 'na leithid de chath san robh Beag-
creideimh, agus mhothaich mi e'na ni eagalach. Thug
an trùir shlaoighteran ud ionnsaidh orm, agus an uair
a chuir mise 'nan aghaidh mar Chriosdaidh, dh' èigh
iad air am mhaighistir, agus thainig e g'an còmhnadh.
Cha tugainn ach ro-bheagan air mo bheatha, oir shaoil
leam gu'n dh'fhalbh mi; ach mar dheònaich Dia
dhomhsa, bha mi fo'm làn àrmaibh dearbhta. Agus
ged a bha, thuig mi 'na chùis chruaidh e, agus nach
lag-ionnsaidh a dh'fheumainn a thoirt chum mi-fè'in a
dhearbhadh am dhuine : Cha'n urrainn aon neach inn-
seadh ciod a thachras ruinn sa' chòmhrag sin ach esan
a bh' innte.
Ciatach. Ach tha thu faicinn gu'n do theich iadsan,
'nuair nach robh iad ach am barail gu'n robh Mòr-ghràs
air an t-s]ighe.
Criosdaidh. Tha sin fior, 's tric a theich iad fein agus
am maighistir, 'nuair a chitheadh iad Mòr-ghràs : agus
cha b' iongantach siu, oir is e-san gaisgeach an Rìgh :
ach 's meallta mi mar cuir thu càileigin de dh' eadar-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence