Skip to main content

‹‹‹ prev (134) Page 124Page 124

(136) next ››› Page 126Page 126

(135) Page 125 -
TURAS a' chriosdaidh. 125
chìocras fheòlmhor, cha robh aig Beag-creideimh. A
thuilleadh air sin, cha robh Esau a' faicinn ni b'fhaide
na ana-miannan a' shàsachadh. " Tha mi dlù do'n
bhàs," thuirt e, "agus ciod an tairbh a tha sa' chòir-
bhrethe so dhomsa ?" (Gen. xxv. 32.) Ach bha Beag-
creideimh, ged nach robh aig acb beag-creideimh,
air a chumail air ais leis o'n amaideachd sin, agus gu
tuille meas a bhi aig' air a sheudan, no gu'n reiceadh ^
iad mar rinn Esau a chòir-bhreithe. Cha n-eil thu an
àit air bith a' leughadh gu'n robh creideamh aig Esau
cha n-eil uibhir agus beagan ; uime sin cha'n ìoghnadh,
e-san aig nach bi buaidh air an f heòil, mar thachras do
gach fear aig nach bi creideamh, ged a reiceas e a chòir-
bhreithe, anam, agus gach ni a th' aige, ris an droch-
spiorad : oir tha iadsan mar an asail, nach gabh
pilleadh 'n tràth thig a miann. (Ier. ii. 24.) 'JNuair a
bhios iad socraichte air an ana-miannan a shàsachadh
ni iad e, ge b'e air bith na chosgas e dhaibh; ach bha
gnè eileannam Beag-creideimh: bhainntinnair nithibh
diadhaidh : bha a bheathachadh air nithibh spioradail
agus os àird ; uime sin, c'arson a reiceadh fear an
aignidh sin a sheudan, ged a bhiodh daoine ullamh
gu'n ceannach, chum inntinn a lìonadh le nithibh gun
seadh ? An ceannaich neach fenr chum a bhrù a
lionadh ? no 'n toir thu air a chalman closach itheadh
mar am fitheach ? ged a ni muinntir gun chreideamh,
chum an ana-miannan a shàsachadh, gach ni a bhios
aca a reic no a thoirt an geall, agus iad fèin cuideachd,
gidheadh cha'n fhaod iadsan aig am beil creideamh
slàinteil, ged nach bi e ach beag, a dheanamh mar sin.
T T ime sin, a bhràthair, is ann an so tha do mhearachd-sa.
Ciatach. Tha mi 'g aideacheadh gur h-ann ; ach
cha mhòr nach do chuir t-achmhasan sgaiteach miò-
thlachd orm.
Criosdaidh. Faodaidh sin a bhi; ach leig dhiot a
leithid sin, agus gabhamaid beachd aira'chùis mu'm beil
sinn a' labhairt, agus bithidh sinn làn-rè'idh.
Ciatach. Ach 's i mo làn bharail, a Criosdaidh,
nach eil anns an triùir f hear ud ach fior chladhairean

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence