Skip to main content

‹‹‹ prev (121) Page 111Page 111

(123) next ››› Page 113Page 113

(122) Page 112 -
112 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
mhàrbhas aon e-fè"in, tha e cur làìmhe 'na chorp agus
na anam fèin cò-lath. A thuilleadh air sin, a charaid,
tha thu labhairt mu fhois anns an uaigh : ach am beil
guth idir agad air ifrinn far an tè"id iadsan a chuireas
mort an gnìomh ? oir cha sealbhaich mortairean a'
bheatha mhaireannach, &c. Agus thugamaid a rithist
fainear, nach eil an lagh gu h-iomlan an làimh Fhamh-
air-gun-dòchas ; tha mi tuigsinn gun do ghlac e iomadh
neach a bharr oirnne, agus f huair iad dol as uaithe. Cò
aig a tha fios nach toir an Dia sin a chruthaich an saogh-
al am bàs air an Fhamhair, no theagamh gu'n di-
chùimhnich e, uair no uair-eigin, an dorus a ghlasadh ;
no an ùine ghearr gu'n tig laigsinn eile air far am bi
sinn, agus gu'n caill e lùgh a làmh ? Agus ma thàrlas
so tuille, tha mi cur romham gu'n glac mi misneach,
agus gu'n toir mi teann ionnsaidh airfhàgail. Bhami
m' amadan nach d' rinn mi roimhe e ; ach gnàthaich-
eamaid foighidinn, agus giùlaineamaid leis rè tamaill
eile : faodaidh e bhith gu'n tig an t-àm a gheibh sinn
fuasgladh : ach na cuireamaid air chor sam bith làmh
annainn fèin. Leis na briathran sin thug Ciatach mis-
neach do Chriosdaidh ; agus bhuanaich iad le chèile sa'
ghainntir ghràineil ud gun solus gun soillse.
Ach mu thrà feasgair chaidh am Famhair sìos do'n
toll-dubh a rithist a dh' fhaicinn an doghabh na prìos-
anaich a chomhairle ; ach an uair a thainig e steach,
f huair e, an aghaidh a bharalach, beo iad; ach b'e sin
uil' e ; oir eadar cion lòin agus dibhe, agus leis na
creuchdan a thainig orra a thoradh na beubaineachd a
rinn e fèin orra 's gann a bha'n deò annta. Ach f huair
e beò iad, ni a chuir corraich mhòr air, agus thuirt e
riu, A chionn nach do ghabh iad a chomhairle, gun
èireadh a nise gu h-olc dhaibh.
Chuir am bagradh so air bhall-chrith iad, agus air
leam gun tainig laigsinn air Criosdaidh ; ach air dha
teachd da ionnsaidh fèin a rìthist, thòisich iad mu'n
chomhairl' a thug am Famhair orra, cò dhiù a b' f hearr

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence