Skip to main content

‹‹‹ prev (120) Page 110Page 110

(122) next ››› Page 112Page 112

(121) Page 111 -
TURAS A" CHRIOSDAIDH. 1 ] 1
agus ann am bròn dubhach. Labhair i urapa air an
ath òidhche r'a fear am Famhair ; agus air dh'i a thuig-
sinn gu'n robh iad fhathast beò, thuirt i ris gu'm bu
chòir dha an comhairleachadh gu cur às daibh fèin.
'Nuair a thainig a' mhadainn, chaidh e sìos d'an ionn-
saidh gu garg, gruamach, agus air mothachadh dha gu'n
robh 'n creuchdan goirt leis na buillean a thug e dhaibh,
thuirt e riu o nach b' ion daibh dòchas a bhi aca ri
teachd a mach às a sin am feasd, gur e cuis a b'f hearr
dhaibh cuir às daibh fein, aon chuid le lainn, le còrd, no
le pùisean ; oir thuirt e, c'ar son a mhiannaicheas sibh
beatha o'n a bhitheas i dhuibh cho searbh ? Ach thuirt
iad ris an cuir fa-sgaoil ; le sin a chluinntinn dh'amh-
airc e gu coimheach orra, agus thug e ionnsaidh gharbh
orra, agus cha n-eil teagamh nach cuireadh e-fèincrìoch
orra, mar èireadh dha tuiteam thairis ann an laigsinn,
oir bha e buailteach dha sin, agus chaillelùgha dhà
làimhe ; air an aobhar sin dh'fhàg e iad a dh' fheuch-
ainn ciod a dheanadh iad fèin. An sin chuir na prìos-
anaich an comhairle ri che'ile, cò ac a b'f hearr dhaibh
a dheanamh mar thuirt e no nach b'f hearr ; agus mar
so thòisich iad ri labhairt.
Criosdaidh. Ciod a ni sinn arsa Criosdaidh ? Tha
'n dòigh air am beil sinn anabharrach truagh ! air mo
shon fein cha'n f hios domh cò dhiù a b' f hearr a bhi
beò, no grad bhàsachadh. Is fearr le m' anam tachdadh
no beatha, (Iob vii. 15,) agus is socraiche leam an uaigh
no a' ghainntir so ! An gabh sinn comhairl' an Fhamh-
air?
Ciatach. Tha gun amharas ar cor san àm anabarrach
eagalach, agus bu deònai«che gu mòr lean fèin am bàs
f haighinn, na buanachadh mar so : ach smuaineach-
araaid gu'n tubhairt Triath na tire chum am beil sinne
a' dol, " na dean mortadh," cha dean air neach eile ; is
mò gu mòr, na sin a tha e air a thoirmeasg dhuinn
sinn fèin a chur gu bàs. Osbarr, cha dean e-san a
mhàrbhas neach eile ach a chorp a chur gu dì ; ach ma

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence