Skip to main content

‹‹‹ prev (118) Page 108Page 108

(120) next ››› Page 110Page 110

(119) Page 109 -
TURAS a' chricsdaidh. 109
leiginn ris m'inntinn ni bu shoilleire, ach thug mi urram
na h-aoise dhutsa.
Criosdaidh. A dheagh bhràthair, na biodh mìothlachd
ort, 's duilich leam gu'n tug mi as ant-slighe thu chum
na h-urrad chunnairt : guidheam ort, a bhràthair, thoir
dhomh mathanas ; oir cha b'ann o dhroch rùn a rinn
mi e.
Ciatach. Glac misneach, a charaid, maithidh mi
dhut e ; agus creididh mi gun tionndadh so a mach
chum ar buannachd.
Criosdaidh. Is math leam gu'n do thachair mi ri
caraid cho tròcaireach ; ach cha'n f haod sinn fuireach
an so ; thugamaid oidheirp gu dol air ar n-ais a rithist.
Ciatach. Ceadaich dhomh-sa toiseach an rathaid a
ghabhail.
Criosdaidh. Chaleig m'as e do thoil e, thèid mi-fèin
air thoiseach ; chum ma bhios cunnart ann, gur h-ann
orm a thig e ; a chionn gur mi b'aobhar air sinn a
theachd as an t slighe cheirt.
Ciatach. Cha dean mi sin, arsa Ciatach, cha tè*id
thus' air thoiseach t oir tha na h-urrad iomagainn air
t'inntinn, 's gu'm faod thu dol a rithist air seacharan.
An sin a thoirt misnich dhaibh, chual iad guth ag ràdh
riu, " Cuiribh ur cridhe ris an t-slighe; eadhon an
t-slighe air an d'imicli sibh ; pillibh a rithist.'' (Ier.xxxi.
21.) Ach bha nis' na h-uisgeachan air èiridh, air chor
's gu'n robh e ro chunnartachdhaibh dol air an ais. Àn
sin smuainich mi gu'm b'f hasa dol as an t-slighe air am
bi sinn, na tighinn innte 'nuair a thèid sinn aiste.
tìidheadh ghabh iad de mhisnich ionnsaidh a thoirt gu
dol air an ais, ach bha e cho dorcha agus nah-uisgeach-
an cho àrd, 's gu'n do theab iad a bhi bàite iomadh uair.
Dh 'fhartlaich orra, a dh' aindeoin an seòltachd,
an cas-cheum fhaotainn an òidhche sin ; uime sin
thachair iad air ionad fasgach, far an do shuidh iad gus
an tigeadh bristeadh an latha ; ach air dhaibh a bhi
airsneulach sgìth, thuit iad 'nan cadal. A nise bha
fagus do'n àite san robh iad, daingneach d"an goirear
L

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence