Skip to main content

‹‹‹ prev (117) Page 107Page 107

(119) next ››› Page 109Page 109

(118) Page 108 -
108 turas a' chriosdaidh.
Ciatach. Ach ciod ma bheir am frith-rathad so
bh'arr an rathaid sinn ?
Chriosdaidh. Cha shaoil mi gu'n toir, arsa Criosdaidh :
faic, mar tha e dìreach ri taobh na slighe ? Mar so dh'
aomadh Ciatach gu gabhail leis, agus chaidhe 'na dhèigh
a staigh air a' bhealach. 'Nuair a chaidh iad thairis, agus
iad air a chas-cheum, mhothaich iad gur e bu shnc-
raiche d'an casan ; agus air amharc rompa, chunnaic
iad fear air thoiseach orra d'am b'ainm Faoin-dhànachd;
Ghairm iad air agus dh'f heòraich iad deth, c'àit a bheir-
eadhan rathad ud iad ? Thuirt e riu, chumgeata fhlaith-
eis. Nach dubhairt mi sin riut, arsa Criosdaidh ? Le
so faodaidh tu f haicinn gu'm beil sinn ceart ; mar so
lean iad e, agus dh' imich e-san rompa. Ach feuch
thainig an òidhehe orra, agus dh'f hàs i cho dòrcha 's
gu'n do chaill iad sealladh air an fhear a bh'air thois-
oach orra.
Bha'n òidhche cho dorcha 's nach bu ldir do Fhaoin-
dhànachd an t-slighe, air chor is gu'n do thuit e ann an
sloc domhainn, (Isa. ix. 16,) a chaidh a chladhach a
dh'aon obair leuachdaran anfhearainn sin, chum amad-
anan dòchasach a ghlacadh ann, agus chaidh e 'na
bhloighdibh leis an leagadh.
Chuala Criosdaidh agus a chòmpanach e tuiteam ;
agus ghlaodh iad ris cìod a dh'èirich dha, agus cha
tug e freagradh dhaibh, ach chual iad e a' deanamh
cruaidh ghearan. An sin thuirt Ciatach, C'àit am beil
sinn a nise ? Bha Criosdaidh 'na thosd, a chionn gur e
bu choireach ri thoirtas an t slighe ; thainig dìle, deal.
anach, agus tairneanach ro mhòr orra ; agus dh'àt na
h-uisgeachan suas gu'm bruachan.
An sin rinn Ciatach osna throm agus thuirt e,
" Och, b'fhearr gu'n d'fhuirich mi air an t-slighe !"
Chriosdaidh. Cò shaoileadh gun tugadh am frith-
rathad so as an t-slighe sinn ?
Ciatach. Bha eagal orm mu dhe'ighin o thoiseach,
agus uime sin thug mi 'n sanus ciùin so dhut ; agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence