Skip to main content

‹‹‹ prev (61) Page 51Page 51

(63) next ››› Page 53Page 53

(62) Page 52 -
52 TURAS a' chriosdaidh.
eadh tha mi toileacb an t-iomlan a mhathadh dhut ma
philleas tu a rìthist agus dol air t'ais.
Criosdaidh. 'S ann an aois mo leanabachd a thug mi
'n gealladh dhut-sa ; agus tha dòchas agam gu'm beil an
Ceann-feadhna a tha mi 'n dràsta fo bhrataich, comas-
ach air mathanas a thoirt domh a chionn gu'n d' aom
mi leat. Osbarr, O Apolion mhìlltich ! ma their mi an
f hirinn, 's toigh leam a sheirbhis, a dhuais, a luchd-
muinntir, a riaghladh, a chuideachd, agus a dhùthaich,
ni 's fearr na aon ni a th' agad-sa ; uime sin thoir thairis
a dh' iarraidh orm f hàgail ; oir 's mi òglach, agus dlù-
leanaidh mi e.
Apolion. Smuainich a rithist air a' chùis, ciod a tha 'n
cunnart èiridh dhut an taobh a tha thu dol. 'S aithne
dhut gu'm beil mar is tric' a luchd-muinntir-san a'
teachd gu droch dheireadh, a chionn gur ceannairceich
am aghaidhs' iad. Nach iomadh aon diu chaidh chur gu
bàs maslach, 's gidheadh tha thus a meas a sheirbhis ni
's fearr no bhi agamsa; ged nachtàinige raimh o ionad
còmhnaidh, a shaoradh a luchd-muinntir à làimh an
nàimhdean ; ach air mo shonsa, nach lionmhor uair a
shaor mi iadsan a thug sèirbhis dbìleas domh, le neart
no le cèilg, uaith.san mar is math is aithne do mhuinntir
na dùthcha, agus saoraidh mi thusa uaithe cuideachd-
Criosdaidh. 'S ann a mhàin a dhearbhadh an gràidh
dha nach 'eil e ga'n saoradh san àm, a dh'fhaicinn an
dlù-lean iad ris gus a' chrìoch; agus tha'n droch-dheir-
eadh a tha thus' ag ràdh a tha teachd orra, dhaibh-san
ro àghmhor : ach cha 'n ion daibh mòr dhòchas a bhi aca
ri saoradh san àm ; oir tha iad a' feitheamh r'an glòir,
agus gheibh iad sin 'nuair a thig an Ceann-feadhna 'na
ghlòir fe"in le chuid ainglean.
Apolion. Bha thu cheana mi dhìleas da 'na d' sh&rbhis,
agus cionnus a tha dùil agad ri tuarasdal uaithe ?
Criosdaidh. Cia ann, Apolion ! san robh mi mi-
dhìleas da ?
Apolion. Dh'fhàs thu lag ad cheud dol amach, 'nuair
nach mòr nach robh thu tachdte ann an Sloc-na-mi-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence