Skip to main content

‹‹‹ prev (60) Page 50Page 50

(62) next ››› Page 52Page 52

(61) Page 51 -
TURAS A CHRIOSDAIDH. 5]
ghamhaìnn agus as a bhroinn thainig teine agus deat-
ach, aguz, bha bheul coltach ri beul leòghainn. 'Nuair
a thainig e far an robh Criosdaidh, sheall e gu tàireil
air, agus thuirt e ris,
Apolion. Cia as a thainig thu, agus c'àit'a tha thu dol ?
Criosdaidh. Thainig mi o bhaile Lèir-sgrios, ni is e
ionad an uilc, agus tha mi dol do bhaile Shioin.
Apolion. Leis a so tha mi tuigsinn gur h-ann do m
iochdrains' thu ; oir 's leams' an tìr sin uile, is mise a
Triath agus a dia. Cionnus ma ta a theich thu o d'
rìgh? Mar biodh dòchas agam gun deanadh tu 'm barr-
achd feuma dhomh, bhualainn sìos gu talamh thu le aon
bhuile.
Criosdaidh. Rugadh mi gun amharus 'na t'fhearann-
sa : ach bha do sheirbhis cruaidh, bha do dhuais cho
beag 's nach b' urrainn duine bhi beo leatha: oir 'si
duais a pheacaidh am bàs, (Rom. vi. 23,) uime sin
'nuair thainig mi gu tuigse rinn mi mar ni daoine tuig-
seach eile, sheall mi mach c'àit am faodainn a bhi ni
b'fhearr.
Apolion. Chadealaich uachdaran sam bith mar so r'a
chuid sluaigh, cha mhò a chailleas mis thusa ; ach o'n
a tha thu gearan air cruathas m' oibreach agus lughad
mo thuarasdail, ma bhios tu deònach dol airt'ais, bheir
mi dhut gach ni is fearr san dùthaich ?
Criosdaidh. Ach cheangail mise mi fè"in aig Rìgh
nan rìgh, agus cionnus a dh'fheudas mi le ceartas dol
air m' ais?
Apolion. Rinn thu mur so a rèir a ghnà-fhacail,
" O olc gu ni 's measa.'' Ach 's tric leo-san a dh' aidich
a bhi 'nan seirbhisich dhà-san, an deigh dhaibh bhi aige
rè" tamuill, cùl a chur rìs, agus piileadh riums'arithist.
Dean thusa mar sin cuideachd, agus bithidh gach cùis
gu math.
Criosdaidh. Mhionnaich mì gu'm bithinn dìleas da ;
cionnas mata a chuireas mi cùl ris : an e nach croch iad
mi mar chealgair ?
Apolion. Rinn thu an ni ceudna ormsa; agus gidb-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence