Skip to main content

‹‹‹ prev (58) Page 48Page 48

(60) next ››› Page 50Page 50

(59) Page 49 -
TURAS A CHRIOSDATDH. 49
iad cuideachd dha an crann-tabhuill agus a' chlach,
Ìeis an do mhàrbh Daibhidh Goliath o Ghat : agus an
claidheamh leis an cuir an Tighearn' as do Dhuine
'Pheacaidh, air an là san è*irich e suas a chum na
creiche. Nochd iad' dha osbarr iomadh ni luachmhor,
leis an robh Criosdaidh ro-thoilichte. Le so a dhean-
amh chaidh iad a' ghabhail tàmh a rithist.
An sin chunnaic mi am aisling, Gu'n d'èirich e air an
la màireach chum triall air a thuras, ach dh' earalaich
iad air fuireach gus an ath-latha: 'san sin thuirt iad ris,
ma bhios an latha soilleir feuchaidh sinn dut na beann-
tan taitneach, a bheireadh fhathasd an tuille sòlais da,
a chionn gu'n robh iad dlù do'n chala mhiannaichte,
uime sin dh' aontaich e fuireach. 'Nuair a thainig
madainn an ath-latha, thug iad e gu mullach an taighe,
agus dh' iarr iad air amharc ris an airde-deas, (Isa.
xxxiii. 16, 17,) ni a rinn e; agus feuch chunnaic e
dùthaich cian fad as, àrd ro-ion-mhiannaichte, dreach-
mhor le coilìe, fion-liosan, leis gach seòrsa meas, agus
le tobraichean ro thaitneach ri amharc orra. An sin
dh' f heòraich e c'ainm e bh'air an tìr ud ? Thuirt iad
ris, Tha tìr Emanueil ; agus tha i cho saor aig gach
fear-turais ris a' bheinn so. 'S an uair a ruigeas tu sin,
chi thu gu ruig am baile nèamhaidh, mar a nochdas na
buchaillean a tha chomhnaidh ann dut.
Smuainich e'n sin gu'm falbhadh e, agus bu deoin leo
e sin a' dheanamh. Ach air tùs, thuirt iad ris, rachamaid
leat far am beil na h-airm an tasgaidh; agus dh'
armaich iad e o bhonn a chas gu mhulach a chinn le
airm dhearbhta, air eagal gun tugt' ionnsaidh air air an
t-slighe. Air dha bhi mar so 'na uidheam, chaidh a
chairdean leis chum an doruis a muigh, agus dh'fheòr-
aich e de'n dorsair, Am fac' e fear-turais sam bith a' dol
seachad ? Thuirt an Dorsair, Gu'm faca.
An d' aithnich thu e, arsa Criosdaidh ?
Dorsair. Dh'fheòraich mi ainm, agus thuirt e rium
gu'm b'e Dìleas a b' ainm dha.
Criosdaidh. O ! arsa Criosdaidh, 's math is aithne
V

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence