Skip to main content

‹‹‹ prev (57) Page 47Page 47

(59) next ››› Page 49Page 49

(58) Page 48 -
48 turas a' chriosbaibh.
raich iad ann an ionadaibh còmhnaidh air nach deanadh
aois no fad aimsir caochladh air bith, ach a mhaireadh
gu saoghal nan saoghal.
An sin leugh iad dha ioma gniomh cliùiteach a rinn
a luchd-muinntir ; — mar cheannsaich iad rìoghachdan
— mar dh' oibrich iad fìreantachd — mar f huair iad na
geallannan, — mar dhùin iad beoil ieòghan, — mar chaisg
iad neart teine, — mar sheachainn iad faobhar a' chlaidh-
eimh, — mar o laigsinn a rinneadh neartmhor iad, —
mar dh'fhàs iad treun an cath, — agus a mar chuir iad
an ruaig air feachd nan coimhneach. Eabh. xi. 33, 34.
An»sin leugh iad a rithist ann anearrann do sgrìobh-
adh an taighe, far an do nochdadh, cia toileach a bha'n
Tighearna gu gabhail ris gach neach a thigeadh da ionn-
saidh, ged a bha iad roimhe so a' cur 'na aghaidh, agus
'nan nàimhdean dà. Bha'n so mar an ceudna iomadh
eachdraidh muiomadh niainmeil eile, a chaidh fheuch-
ainn do Chrìosdaidh ; araon mu nithe sean agus ùr ;
maille ri fàisneachd agus roi-innseadh mu nithe aigam
beil an orìoch àraidh, chum uabhas agus geilt-chrith
nàimhdean, agus mhòr-shòlas agus thoil-inntinn luchd-
turais.
Thug iad an ath-latha e far an robh na h-airm ga'n
gleidbeadh, far an do nochd iad dha gach uidheam a
sholar an Triath do luchd-turais, mar tha claidheamh,
sgiath, clogaid, uchd-èideadh gach ùrnaigh,agusbrògan
nach caitheadh am feasd. Agus bha gu leòr ann a chur
nan uidheam a cho lion fear chum seirbhis an Tigh-
earna, 's a tha reulltan nèimh' a thaobh lionmhorachd.
Nochd iad dha, mar an ceudna, cuid do na h-inneil-
ean leis an d'rinn cuid de òglaich mòr euchd. Dh'
fheuch iad slat Mhaois ; an t-òrd agus an tarrang leis
an do chuir Iael Sisera gu bàs ; na soithichean, na
tròmpaidean, agus na lochrainn leis an do chuir Gideon
an ruaig air feachd Mhidian. An sin nochd iad dha
hior-greasaidh nan damh leis an. do mharbh Samgar sè
ceud fear. JNochd iad fòs dha an cnàimh peirceill leis
an d' rinn Samson na h-urrad threubhantais. Nochd

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence