Skip to main content

‹‹‹ prev (52) Page 42Page 42

(54) next ››› Page 44Page 44

(53) Page 43 -
TURAS a' chriosdaidh. 43
Cràbhadh. Agus ciod tuilleadh a chunnaic thu air
an t-slighe ?
Criosdaidh. Ciod a chunnaic mi ? Cha b'f had a
chaidh mi, gus air leam, gu'm faca mi dmne a' call
fhala an crochadh air crann, agus thug amharc air air
m'eallach tuiteam dhiom ; oir bha mi roimhe sin fo
throm-uallach. Chuir an sealladh ìoghnadh orm ; oir
sha'n f haca mi riamh a leithid roimhe : Agus am feadh
a bha mi 'g amharc air, thainig triùir dhaoine dealrach
am' ionnsaidh. Thuirt fear dhiu rium, Gu'n robh mo
pheacannan air am mathadh; thug fear eile dhiu
dhiom m'èideadh riobagach, agus thug e dhomh an
f halluinn ghrèiste so a chì sibh ; agus chuir an treas
fear an comharra so an clàr m'eudainn, agus thug e
dhomh an sgrìobhadh naisgte so ; ni a leigeas mi
dhuibh fhaicinn, m'as toil leibh e.
Cràbhadh. Ach nach faca tu tuille f hathasd ?
Criosdaidh. 'S iad sin a dh'ainmich mi na nithe a
b'àraidh a chunnaic mi ; gidheadh chunnaic mi barrachd
air sin, eadhon, Triùir dhaoine, Socharach, Dearmad,
agus Dànachd, 'nan cadal ri taobh na slighe, agus
cuibhrichean air an casan ; ach cha b'urra dhomh am
mosgladh : Chunnaic mi cuideachd Riaghailt agus
Cealgaireaehd a' teachd car air char thar a' bhalla, gu
dol, mar thuirt iad, chum Shioin, ach bha iad gu h-
obann air an call ; dìreach mar dh'innis mi fèin dhaibh
ach cha chreideadh iad mi. Chuir dìreadh na beinne
so thuige gu goirt mi, 's cha b'fhusa dhomh teachd
seachad air na leòghain ; agus mar deanadh an duine
math an dorsair guth rium 's math a dh'f haoidte gu'm
pillinn, an deigh gach saothair a rinn mi ; ach a nise,
buidheachas do Dhia, tha mi'n so, agus tha mi toirt
taing dhuibhse a ghabh a staigh mi.
An sin smuaintich Crionnachd gu'm feòraicheadh ise
caileigin de cheistean de Chriosdaidh.
Crionnachd. Nach cùimhuich thu air uairibh mu'n
dùthaich as an tainig thu ?
Criosdaidh. Cùimhnichidh mi ; ach 's ann le nàir'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence