Skip to main content

‹‹‹ prev (51) Page 41Page 41

(53) next ››› Page 43Page 43

(52) Page 42 -
42 TUKAS a' chriosdaidh.
Cràbhadh. Ciod abhrosnaich thu air tùs gu d' bheatha
a chaitheamh mar so?
Criosdaidh. Cho'-eignicheadh mi gu m' thìr f hàgail,
le sanus eagalach a thugadh dhomh, gu'm bithinn air mo
chall gu tùr nam buanaichinn far an robh mi.
Cràbhadh. Ach cionnas a thachair e gu'n tainig thu
as do thìr an rathad so ?
Criosdaidh. 'S e Dia stiùr mi ; am feadh a bha mi
fo eagal gu'n rachadh mo chall, cha robh fios agam cia'n
taobh a rachainn ; ach thainig duine am' ionnsaidh, am
feadh a bha mi air bhall-chrith agus a' caoineadh, d'am
b'ainm Soisgeulach, agus sheòl e dhomh an t-slighe
chum an doruis chumhainn, ni air atharrachadh nach
robh mi comasach air f haotainn, agus stiùr e mi air
an rathad a threòraich mi dìreach chum an taighe so.
Cràbhadh. Ach nach tainig thu dh'ionnsaidh taighe
an Fhir-mhìnichidh ?
Criosdaidh. Thainig, agus chunnaic mi nitheann'a
bhios a'm' chùimhne ri m' bheò : gu sònraicbte tri
nithe, 's iad sin, mar tha Criosd a' cumail suas obair a
ghràis anns an anam a dh'aindeoin air Sàtan : mar
chaill an duine a dhòchas ri tròcair Dhè le buanachadh
'na pheacadh : agus mar an ceudna aisling an fhir air
leis a chunnaic gu'n tàinig latha bhreitheanais.
Cràbhadh. An cual' thu e 'g innseadh bhruadair.
Criosdaidh. Chuala, agus b'uabhasach e; air leam
gu'n chuir e crith orm am feadh a bha e ga innseadh ;
ach 's math leam gu'n cuala mi e.
Cràbhadh. An e sin na chunnaic tu aig a thaigh?
Criosdaidh. Cha'n e idir ; thug e mi far am faca
mi lùchairt mhaiseach, agus mar bha'n sluagh a
bh'innte air an èideadh le h-òr ; agus cionnus a thainig
duine foghainteach, a chaidh a staigh a dh'aindeoin nan
daoin' armaichte a bh'aig an dcrus gu chumail a mach ;
agus mar bha e air f huran gu dol a staigh a chosnadh
glòir shiorruidh. Bha na nithe sin ro-thaitneach leam !
Dheonaichainn buanachadh aig a thaigh fad bliadhna ;
ach bha ftos agam gu'n robh ni b'fhaide agam r'a dhol.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence