Skip to main content

‹‹‹ prev (227) Page 207Page 207

(229) next ››› Page 209Page 209

(228) Page 208 -
208 Cha n-fhaìghear Fois
a thoirt, mar thug Iacob do Rachel, " Am bheil mis' an
kite Dhè," gu'n tigeadh tu do m' ionnsuidh a dh-iarr-
aidh fois do d'anam ? Cha n-urrainn stàitean dhaoine,
dùthaich no cùirt, bailtean no bùth-thighean, achaidh-
ean no coilltean, airgiod no ionmhas, uaigneas no cuid-
eachd, leabhradan, searmoin no searmonachadh, ni
sam-bith cosmhuil ris an fhois bheannaichte so a
thabhairt dhuinn. Na'm b-urrainn thu fhaighneachd
de dhaoine marbh nan uile linn a bh'ànn, no de dhaoine
beò air feadh uile rioghachdan a 1 chruinne-chè', càit am
faighear fois, theireadh iad uile riut, " Cha n-'eil fois an
so." Ach mur leòr'leat fiosrachadh dhaoine eile, seall
ri d'fhiosrachadh fèin. An cuimhne leat anis a bhi
riamh ann an staid a rinn do làn-rìarachadh, no ma
bhk, an urrainn thus' a ràdh gu'rn mair an staid sin
dhuit gu bràth ? Faodar a ràdh leinn uile, do thaohh
ar fois air thalamh, mar a thuirt Pòl do thaobh ar
dòchais, " Ma's anns a' bheatha so a mhàin a tha i, is
sinn a's truaighe do na h-uile dhaoinibh."- ICor. 15. 19.
Anis, matà, ma chreidear an Sgriobtuir, no rèusan, no
ar fiosrachadh fèin, agus fianuis an t-saoghail uile, faod-
aidh sinn 'f haicinn gu soilleir, nach 'eil ionad-tàimh an
so. Agus ged is fior sin, nach ciontach a gheibhear a 1
chuid a's mò dhinn do thaobh a' pheacaidh so — iarraidh
fois am far nach f haighear \. Nach iomadh cèum mì-
thoileach, stad 'us seasamh a gheibhear sinne gu trie a'
deanamh mu'n kill leinn an Tighearn fein a ròghnachadh
mar ar fois ! Gu trie fèumaidh Dia ar cèum a ghreasad
agus sinne iomain air falbh o gach cuspair eile, air eagal
gu'n suidh sinn sios a' gabhail fois an so. Ma bheir è
dhuinn fortan, saoibhreas, no onoir an so, tòisichidh
sinn ann ar cridhe ri sùgradh agus dànnsa 'n an làthair,
mar a rinn na h-Israelich an làthair an laoidh òir a rinn
ìad dhoibh-fèin, ag ràdh, " Sin do dhe'e," agus their sinn
"Is maith a bhi an so." Agus ma ni Dia na nithe sin
searbh dhuinn, nach beagar fois gus an deanar ar staid
milis, no taitneach dhuinn, chum gu'm faigh sinn suidhe
sios arist a' gabhail fois ànnta ! Ma bheir Dia an crèui-
air uainn gu lèir a chum ar leigheas, nach dìan, dùrachd-
ach a gheibhear sinn ri saothair, ri e'igheachd 'us ùrnuigh
ag iarraidh air an creutair aiseag dhuinn, a chum fois a.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence