Skip to main content

‹‹‹ prev (226) Page 206Page 206

(228) next ››› Page 208Page 208

(227) Page 207 -
nan Naomh air thalamh. 207
no na'n abradh tu leis na h-ludhaich, " Teampull an
Tighearna," agus tu gun Tighearn an teampuill agad. —
nach bu bhochd an sonas dhuit sin ? An robh muirintir
Chapernaum air an deanamh na bu shona, no na bu
truaighe le faicinn nan oibre cumhachdach a chunnaic
iad, agus le cluinntinn briathran Chriosd a chual' iad ?
Is cinnteach cha n-f hois dhuinn an ni sin a mheud-
aicheas ar peacadh agus ar truaighe.
7. Anis, matà, dearbhar na nithe sin uile le beachd
achadh air ar fiosrachadh fèin agus air fiosrachadh
rauinntir eile. Is iomadh ceud mile anam a dh'f heuch
ri fois iomlan 'f haotuinn air thalamh, ach riamh cha
d'f huair aon anam fois iomlan, no fois gu leòr an so.
Cha n-'eilear ag ràdh nach d'f huair iad toil-inntinn,
shiubhlach, ach fois agus riarachadh, sin nithe nach
d'f huaradh riamh agus nach f haighear gu bràth anns a'
bheatha so. Agus am faod diiil a bhi againn-ne ris an
ni sin 'fhaotuinn an so, nach d'fhuair duine sam-bith
eile riamh romhainn. Bu bheag aig Ahab a rioghachd,
a dh-easbhuidh fion-lios Naboit, ach cha robh è air a
riarachadh an dèigh dhà am fion-lios 'fhaotuinn.
1 Ri. 21. 2. Geda shealladh tu thairis air an talamh,
mar a rinn columan Noah, ag ìarraidh àite-fois, philleadh
tu air d'ais ag aideachadh nach robh è idir ami. Rach
'us faighnich ri onoir, Am bheil fois an so ? Eu cho
math dhuit fois iarraidh air sgòrr àrd nam beànn a's
gailbhiche stoirm. no arm an lasraichibh iEetna*.
Faighnich ri saoibhreas, Am bheil fois an so ? Tha
direach a leithid 's a gheibhear ann an leabaidh dhris.
Iarr fois ann an taitneas saoghalta ; is cosmhuil an
f hois sin ris an iasg a' slugadh a' mhaghair : 'nuair a's
milse leis an greim, is ann a's f haisg' am has air. Iarr
fois do d'anam ann an ionnsachadh, agus eadhon ann an
òrduighean na diadhachd : faodaidh tu ola-ghèug an
dòchais 'fhaotuinn ànnta sin, mar mheadhon a' foill-
seachadh nithe na siorruidheachd, agus a' treòrachadh
dhaoine 'dh-ionnsuidh am fois, ach cha n-urrainn iad
sin idir, dhiubh-fèin, fois a thoirt dhuit gu bràth. Is
maith a dh-f haodadh gach aon diubh sio uile freagairt
■■'■ Beinn tUeine ana an eilean Shicilia, air taobh deas na h-Eadaili.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence