Skip to main content

‹‹‹ prev (197) Page 177Page 177

(199) next ››› Page 179Page 179

(198) Page 178 -
178 '$ è Dleasanas Sluaigh Dliè muinntir eile
n-iomadh iad a tha saoibhir, agus uasal agus glic, a ta air
an gairm.' Is ìad na bochdan a gheibhear a' gabhail
ri deadh sgèul raòr-aoibhneach an t-soisgeil. Tha cuid
air an cumail o'n dleasanas so le aineolas. Ma's aithne
dhoibh idir gur dleasanas Chriosduidhean so, cha n-
aithne dhoibh gur è an dleasanas fem è. Ma's ànn
dhiub'h sin thus', a lèughadair, is è mo dhòchas gur
aithne dhuit do dleasanas anis, agus gu'n tòisich thu
air.
Na ditilt do làmh a chur ris an dleasanas so, ag ràdh
nach 'eil thu comasach air earail a thoirt do neach eile.
Mur urrainn thu-fèin a dheanamh, faigh neach eile na's
comasaiche na thu-fèin gu làmh a thoirt air an
obair gun da.il, no oibrich gu iriosal, dileas leis a'
bheagan comais a ta agad, ag mnseadh do pheacaich,
mar dh-fhaodas duine lag a dheanamh, ciod a tha Dia
fèin ag ràdh 'n a f hocal. Na trèig do dhleasanas eadhon
an uair is còir dhuit comhairle, no earail a thoirt do
neach a's mò inbhe na thu-fèin. Is teànn, dìan a dh-f heu-
mar labhairt air uair cunnairt. Ma's pàrant, cèile,
no fear-teagaisg è, fèumar labhairt ris air a' chtùs so.
'Nuair a bhitheas pàrant ann an uireasbhuidh, fèumaidh
a chlann a chuideachadh. 'Nuair a bhitheas duine-
pòsda tinn, feumaidh a bhean cùram a ghabhail, 'n a
kit, de'n teaghlach. 'Nuair a thig duine saoibhir gu
bochdainn, fèumaidh è dèirc 'fhaotuinn. 'Nuair a
bhitheas an lèigh tìnn, fèumaidh cuid-eigin frithealadh
dhà. Mar sin, is còir do'n t-seirbhiseach a's ilse earail
modhail, dileaas a thoirt d' a mhaighstear, an leanabh
d' a phàrant, a' bhean d' a companach, am pobull d'am
ministear, agus biodh sin air a dheanamh gu dileas,
'nuair a bhitheas aobhar ceart air a shon, ach an
còmhnuidh le fior irioslachd, le fìor bhèusachd agus fior
chiuineachd.
Na abair idir, " nithear luchd-searmonachaidh dhinn
uile leis an obair sin :" oir ged nach searmonaiche
follaiseach gach deadh Chriosduidh, is fear-teagaisg è,
agus is còir dha curam a bhi air mu anam a choimh-
earsnaich. Is dochdadair gach duine, far nach ruigear
air an dochdadair aidichte, agus far am faodar an easlaint
a leigheas le duine tuigseach air-bith, agus air an dòigh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence