Skip to main content

‹‹‹ prev (196) Page 176Page 176

(198) next ››› Page 178Page 178

(197) Page 177 -
a mhisneachadh gus an Fhois so iarraidh. 177
bhitheadh saidealtas, no nàir air neach ùmhlachd a
thoirt do Dhia le iarraidh air neach eile am peacadh a
thr&gsinn agus pilleadh ri Criosd ? Gu cinnteach cha
n-aobhar nàire sin. Anis, a lèughadair, nach trie a
dh'innis do choguis so dhuit, ag iarraidh ort labhairt ri
peacaich bhochda, ach bha nàir ort-sa do bheul 'f hosg-
ladh, agus mar sin leig thu leo 'dhol fodha no snàmh.
lèugh focal Dè agus criothnaich, " Ge b'e neach a
ghabhas nàire dhiom-sa, agus do m' f hoclaibh, anns a'
ghinealach adhaltrannach agus ole so, dheth-san gabh-
aidh Mac an duine nàire, 'nuair a thig e 'an glòir Athar,
maille ris na h-ainglibh naomha." Marc. 8. 38.
Is aobhar bacaidh eile dhuinn, spiorad diomhanach,
mi-fhoighidneach. Gu trie is obair neo-thaitneach,
obair gun tàing an dleasanas so, agus air uairibh togaidh
ì naimhdean dhuinn ameasg dhaoine. A bhàrr air sin,
is ainmig a shoirbhicheas a' cheud oidhirp, mur leanar
oirre. Is f had a dh-f heumar a bhi 'teagasg nan
aineolach 's a' coimhairleachadh chrè'utairean rag-
mhuinealach, mu'm faighear an toirt gu fìor eòlos.
Ach cuimhnich thusa cho mòr-f hoighidneach 's a bha
Dia riut-sa, 'nuair a bha thu-fèin beò anns a' pheacadh.
An-aoibhmn dhuinn-ne, na'n robh Dia cho mi- fhoighid-
neach ruinn-fèin 's a gheibhear sinne ri muinntir eile.
Is aobhar bacaidh eile, fèin -iarraidh, " Oir tha na h-uile
ag iarraidh nan nithe a bhuineas doibh-fein, cha 'n
iad na nithe a bhuineas do Iosa Criosd." Philip.
2. 21. Cha n-è maith an co-chreutairean a mheud-
achadh.
Is ceap-bacaidh mòr eile do mhòran, àrdan. Labh-
radh cuid gu luath ri duine mòr, na'n saoileadh iad
nach gabhadh è gu h-olc è. Ach \arr orra sin a dhol
ameasg an t-sluaigh bhochd, agus saothair a dheanamh
'g an teagasg 'n an tighean-còmhnuidh, agus càit am
faigh thu neach a nì è? Ni mòran uaill 'us gàirdeachas
ma bha iad 'n am meadhon air duine- uasal iompachadh,
(agus is mòr an t-aobhar gàirdeachais è,)ach dearmaididh
iad an sluagh bochd, mar nach bitheadh a h-uile anam
cho luachmhor le Dia. Mo chreach ! is beag a tha iad
sin a' toirt fainear cho iosal 's a dh'ilsich Criosd e-fein
a chum daoine bochda, peacach a thearnadh. ' Cha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence