Skip to main content

‹‹‹ prev (194) Page 174Page 174

(196) next ››› Page 176Page 176

(195) Page 175 -
a mhisneachadh gus an Fhois so iarraidh. 175
anam neo-iompaichte, m\-naomh air a phianadh gu
siorruidh, ciamar a dh-f hanamaid 'n ar tosd ? ciamar
nach briseadh ar deòir amach? 'nuair a shealladh
sinn ri crèutairean neo-iompaichte amis an aoduinn,
gu h-àraid ar luchd-dàimh agus ar càirdean gràdhach
fèin. Ach tha sinn air ar bacadh, air ar casgadh
agus air ar cumail air ais o'n dleasanas so le cumh-
achd an as-creidimh fholaichte sin a gheibhear a'
snàmh ann ar cridheachan. O Chriosduidh, na'n do
chreid thu da rireadh gu'm bi do choimhearsnaich, do
bhean, do chòmpanach, do mhac, do nighean, ain-diadh
aidh gu cinnteach air am pianadh aim an ifrinn gu
bràth, mur bi iad air an làn-ìompachadh — air an dean-
amh 'n an crèutairean nuadh — mu'n spionar air falbh
ìad leis a' bhàs, nach bu leòr sin gu do ghreasad gu
labhairt riutha, gach là 'us oidhche, gus an faigheadh tu
an toirt gu sligh na slàinte. Is mòr an call a tha 'n t-as-
creidimh mallaichte so gu trie a' deanamh air ar n-an-
amaibh fein, agus air anamaibh ar coimhearsnach.
Tha 'n dleasanas so air a bhacadh gu mòr le easbhuidh
gràidh agus iochd ri anamaibh dhaoine. 'Nuair a chi
sinn anamanan bochda, truagh, gabhaidh sinn seachad
orra, mar ghabh an sagart agus an Lèbhitheach seachad
air an duine leòinte. Lùc. 10. 30-32. Nise ged nach
iarradh am peacach fèin, a ta air a lot leis a' pheacadh
agus air a ghlacadh le Satan, cuideachadh air-bith uait,
tha cor truagh a' pheacaich sin ag èigheachd riut gu
h-àrd. Mur cluinneadh Dia àrd ghlaodh ar truaighean
mu'n cual' è glaodh ùrnuigh uainn, agus mur deanadh è
iochd òirnn, gus an d'ràinig ar n-iarrtas è, no gus an
d'iarr sinn tròcair, is f hada bhitheamaid 'n ar tràillean
aig Satan. Ni thu ùrnuigh ri Dia airson do cho-chrèut-
airean, a' guidhe air gu'm fosgladh è an suilean agus
gu'm pilleadh è iad. Ach ma tha thus' a' miannachadh
sin, carson nach 'eil thu idir a toirt oidhirp air an
iompachadh ? Agus mur 'eil thu 'g a mhiannachadh,
carson a tha thu 'g a iarraidh ? Carson nach 'eil thu
idir ag iarraidh orra-fèin smuaineachadh air an cor,
agus pilleadh ri Dia, cho maith 's a tha thu ag iarraidh
air Dia an iompachadh 's am pilleadh- Na'm faiceadh
tu do choimhearsnach a' tuiteam ann an toll dubh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence