Skip to main content

‹‹‹ prev (193) Page 173Page 173

(195) next ››› Page 175Page 175

(194) Page 174 -
174 '/S è Dleasanas Sluaigh Dhè muìnntir eile
bitheadh na nithe sin air an aithris 'n an teaghlaichibh*
A bhkrr air cruinneachadh gu follaiseach anns a' cho-
thional air gach sàbaid, cuidich iad a chum cruinneach-
adh gu lèughadh 'us urnuigh maille ri 'chdile air làithibh
eile, cha n-ann mar cho-thional air-leth, ach mar mheur
de cho-thional na h-eaglais, agìarraidh gu fìor dhichioll-
ach, no na's dichiollaiche na each, a bhi nis " ag ath-
cheannach na h-aimsir," agus a' cuideachadh a chèile
air an turus gu nèamh. Teagaisg dhoibh mòr mheas a
chur air òrduighean an t-soisgeil uile. Is beag a
dh-oibrichear air duine sam-bith le ni air am bheil
e-fein a' deanamh dlmeas. Mar so deir an t-Abstol,
" guidheamaid oirbh, a bhràithre, aithne 'bhi agaibh air
an dream a tha saoithreachadh 'n'ur measg, agus a tha
os bhur ceann s' an Tighearn, agus a tha 'g'ur comhair-
leachadh ; agus meas mòr a bhi agaibh dhiubh ann an
gràdh air son an oibre. Bithibh s\ochail 'n'ur measg
fèin." 1 Tes. 5. 12, 13.
II. Rànnsaichidh sinn anis ciod is aobhar do 'n
dearmad nàrach a thatar a' deanamh cho trie air an
dleasanas so. Faiceamaid cò iad, agus càit am bheil an
luchd-bacaidh, agus an dèigh sin is còir dhuinn ionn-
sachadh ciod ì an dòigh a's feàrr a chum buaidh a thoirt
orra, — chum an tilgeil às an rathad. Is iad cuid de'n
luchd-bacaidh so, peacadh agus cionta dhaoine. Daoine
aig nach 'eil annta-fèin tlachd, no aoibhneas ann an
nithibh nèamhaidh, is beag an curam mu anamaibh
muinntir eile : is beag saothair dhurachdach a ni lad a
chum an co-chre'utairean a thoirt gu tlachd, no aiteas a
ghabhail anns na nithibh sin nach f hiù leo-fèin. Cha
do mhothaich iad fathast gu'm bheil iad-fèin ann an
staid chàillte, gu'm bheil mòr fhèum aca air Criosd agus
air solus an Spioraid. Ciamar a b' urrainn daoine anns
a' chor thruagh sin saoibhreas Chriosd a dheanamh
aithnichte do mhuinntir eile? Tha iad-fèin ciontach,
agus an lorg sin, bithidh nàir orra daoine ciontach eile
'chronachadh airson a' pheacaidh a tha iad-fèin a'
deanamh cho trie.
Is aobhar bacaidh eile, an ain-diadhachd fholaichte
sin a gheibhear a' buadhachadh ann an cridheachan
dhaoine. Isa'n robh sinn a' làn-chreidsinn gu'm bi gach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence