Skip to main content

‹‹‹ prev (187) Page 167Page 167

(189) next ››› Page 169Page 169

(188) Page 168 -
168 'S è Dleasanas Sluaigh DM muinntir eile
neach thinn gus am bàsaich è, no gus an tèid è thar
leigheas. Uainn leisgeulan 'us nithe beaga, matà, agus
" Earailichibh a cMle gach aon là, am feadh a ghoir-
ear An là 'n diugh dheth ; air eagal gu'n cruaidhichear
neach air bith agaibh tre mhealltaireachd a' pheacaidh."
Eabh. 3. 13.
Bitheadh d'earail ann an iochd agus aim an gràdh.
Cha n-ànn le fala-dhà, fanaid, trod, no càineadh, a
cheartaichear daoine, no idir a dh-ìompaichear lad gu
Dia. Ruig am peacach le deòir ann do shuilibh, a'
feuchainn dà gu'm bheil thu 'creidsinn gu'm bheil è
truagh, agus gu'm bheil gun teagamh truas agad ris.
Bitheadh do chomhairle dhà, dùrachdach, iriosal. Tuig-
eadh è gur è durachd do chridhe maith a dheanamh
dhà, nach 'eil crioch sam-bith eile agad ann an labhairt
ris, ach a shonas siorruidh a chur air aghaidh, agus gur
è d'fhios air a chunnart agus gràdh d'a anam a
dh'èignich thu gu labhairt ris. Seadh, gu'm bheil
"fios agad air uamhas an Tighearna," agus eagal ort
gu'm faodadh esan a bhi air a dhiteadh fo'n " uamhas"
sin gu dòruinn shiorruidh.
Abair ris a 1 pheacach, " Mo charaid, cha n-'eil mis'
ag iarraidh buannachd air-bith dhomh-fein. Ged bu
toilichte leat an dràst mise do bhreugadh, agus d'f hag-
ail mar tha thu, no leigeil dhuit a bhi beò gun Chriosd,
gidheadh cha cheadaich mo ghràdh do d' auam dhomh
a bhi tosdach, agus mi 'g ad' fhaicinn-sa nis a' dol bàs.
Cha n-'eil mi idir ag iarraidh ni sam-bith uait, ach do
thoirt gu sonas a ghabhail. Ma thig thus' a dh-ionn.
suidh Chriosd, is ann dhuit -fern a bhitheas a' bhuannachd
agus an solas sin uile." Na'n labhramaid air an dòigh
so ris gach crèutair aineolach, no nàbuidh aingidh, cha
b'f hada gus am faiceamaid toradh beannaichte an dèigh
ar saothair !
Dean an obair gu soilleir, simplidh, dileas. Na dean
idir peacadh an aineolaich na's lugha na tha è. Labhair
ris an aghaidh an dòchais f heallsa. Ma gheibh thu è
gun solus idir 'n a anam, ni a tha anabarrach cunnartach,
abair ris gu soilleir, direach, " Mo nàbuidh, tha eagal
òrm nach d'ath-nuadhaich Dia do chridhe fathast ; tha
eagal òrm nach 'eil thu fathast air do thoirt o chumh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence