Skip to main content

‹‹‹ prev (186) Page 166Page 166

(188) next ››› Page 168Page 168

(187) Page 167 -
a mhisneachadh gus an Fhois so larraidh. 167
Ach o'n is obair f ìor luachmhor ì so, fèumar mòr aire
'thoirt do'n run cridhe leis an deanar i. Air an aobhar
sin. bi air do stiuradh g' a h-ionnsuidh leis na riagh-
ailtibh so : — Tòisich air an obair le deadh run. Iarr
glòir Dhia a chur air aghaidh ann an teàrnadh do cho-
chrèutair. Dean an obair, cha n-ann a chum ainm mòr
'us meas 'f haotuinn, no idir a chum muinntir a chur fo
chomain dhuit, no chum an aomadh leat gu pàirtidh
sam-bith a leantuinn, ach ann am fìor iimhlachd do
Chriosd, agus arèir eisempleir Chriosd, gu tiorail a r
gràdhachadh anamanan dhaoine. Na biodh d' obair
idir cosmhuil ri obair na muinntir sin a cheartaicheas
gu ciiramach an clànn 's an seirbhisich 'nuair a thuiteas
iad ann am mearachd a chuireas call, no droch-gean
orra, ach nach d'iarr riamh an anamanan a threòrach-
adh gu sligh na slàinte, mar tha sin air 'òrduchadh le
Dia.
Dean an obair gu grad. Ma's maith leat do cho-
chrèutair pilleadh gu sonas gun dàil, na cuir-sa da.il ann
an iarraidh air pilleadh. Am feadh a gheibhear thus'
a' runachadh, no 'smuaineachadh a theagasg 's a chuid-
eachadh, gun tòiseachadh air an obair, tha esan a' dol
na's doimhne ann an clàbar a' pheacaidh ; fearg a'
càrnadh suas 'n a aghaidh ; am peacadh a' freumhachadh
ànn na's mò ; a chleachdadh a' greimeachadh air ; a
bhuaireadh a' dol a moid : a choguis a' seargadh ; , n
chridhe 'cruadhachadh ; an diabhul 'g a riaghladlf
Criosd air a dhuineadh amach leis ; an Spiorad air a
dhiultadh , eas-onoir air a cur air Dia gach là ; lagh
Dhe* air a bhriseadh ; Dia gun seirbhis o'n neach so 'bu
choir a bhi deanamh seirbhis dhà ; ùin a' ruith gu
dluth ; bàs 'us breitheanas aig an dorus, agus dè ma
bhàsaicheas è, agus ma thuiteas è ann an ifijinn am
feadh a tha thus' a' cur romhad tòiseachadh air a
chumail £s ! 'Nuair a bhitheas corp do cho-chrèutair
tinn, cha n-abair thu ris " Bi falbh 'us thig arist, am
màireach bheir mi leigheas dhuit, agus è agad anis aig do
làimh. Ciamar a thig dhuit, matà, da.il a chur ann an
leigheas, no cuideachadh a thoirt dà airson 'anama ?
Cha n-f heàrr na mortair, an lèigh sin a chuireas da.il
ann an ioc-shlaint, no comhairle sam-bith a thoirt do

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence