Skip to main content

‹‹‹ prev (184) Page 164Page 164

(186) next ››› Page 166Page 166

(185) Page 165 -
a mhisneachadh gus an Fhois so iarraidh. 165
t-sligh, agus tha fios againn raur pillear air an ais iad,
nach tig \ad a dh-ionnsuidh na slighe gu bràth, oir cha
n-aithne dhoibh-fèin an t-sligh gu fois. Nach tigeadh
dhuinn-ne, matà, am mearachd 's an cunnart 'f heuch-
ainn doibh gu ciiramach, agus oidhirp a thoirt, leis
gach cuideachadh ann ar comas, air an cur anns an
t-sligh mhaith, chum gu'm mair ìad beò ? Och, is tearc
a gheibhear Criosduidhean a tha trie a' saothrachadh,
arèir an uile chomais, a chum anamanan a shàbhaladh I
Neor-thàing dhuinn-ne, mur bi nèamh falamh, agus mur
caillear anamanan ar bràithrean. A' faicinn, matà, eho
àrd-fhèumail 's a tha 'n dleasanas so, chum glòir Dhè,
agus sonas dhaoine peacach a chur air aghaidh, minich-
idh mi — Ciamar is còir a dheanamh, — Carson a tha è
air a dhearmad cho mòr; — agus an dèigh sin, bheir mi
beagan carailean a chum sluagh aomadh gus a dheanamh.
I. Is è dleasanas gach Oiosduidh a bhi gu trie a'
cuideachadh 's a' misneachadh muinntir eile chum an
toirt gus an còir air fois nan naomh aithneachadh, ach
cha n-'eilear idir a' ciallachadh le sin gur còir do gach
Criosduidh a bhi 'n a shearmonaiche follaiseach, no
'dhol aon chèum thairis air criochaibh na gairme son-
ruichte a ta aige, no taobh-spiorad (party spirit) àrach,
no aon fhocal a ràdh an aghaidh mearachdan dhaoine
air ancùlaobh, gun labhairt idir riu-fèin anns an aoduinn.
Cha n-è sin idir nàdur an dleasanais so. Is è nàdur
àraid an dleasanais so — Truas ri anamaibh truagh ar
co-chrèutairean, — Gach fàth-chothrom a ghlacadh a
chum an teagasg ann an sligh na slàinte, — Am buann-
achd a chur air aghaidh le meadhonaibh follaiseach
nan gràs.
Bitheadh, matà, truas ann ar cridhe ri anamaibh
truagh ar co-chreutairean. Bitheamaid iochdmhor
riutha, agus ìarramaid gu beò-dhùrachdach an aiseag
gu slàinte. Ma bhitheas fadachd dhùrachdach òirnn
airson an iompachaidh, agus ma bhitheas ar cridheach-
an eudmhor gu maith a dheanamh dhoibh, tòisichidh
sinn air an obair, agus beannaichidh Dia ar saothair.
Feumaidh sinn gach f àth-chothrom ann ar comas a
ghabhail, a chum a theagasg dhoibh cionnus a dh-f haodas
iad ruigheachd air teàrnadh. 'Nuair a choinnicheas tu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence