Skip to main content

‹‹‹ prev (183) Page 163Page 163

(185) next ››› Page 165Page 165

(184) Page 164 -
164 '£ è Dleasanas Sluaiyh Dhè muinntir eile
Cha n-'eil 'n a chreidimh, ma tha creidimh idir aige, ach
sgleò. Cha n-ànn idir do gach neach a chreideas gu
dìomhanach, dàna, ach " do 'n tì a bhuadhaicheas a
bheir Criosd r' a itheadh do'n mhana fholuichte, agus
bheir è dhà clach gheal, agus air a' chloich ainm nuadh
sgrìobhta, nach aithne do neach air-bith ach do'n tì a
gheibh ì ; ithidh e do chraoibh na beatha, a tha ann am
raeadhon pàrrais Dhè, agus cha chiùrrar leis an dara bàs
e. Aidichidh Criosd ainm-san am fianuis 'Athar, agus
am fianuis aingle-san, agus nì se e 'n a phost ann an
teampull Dhè, agus cha teid e ni 's mò amach às, agus
sgrìobhaidh e ainm a Dhe - air, agus ainm caithreach a
Dhè, a's ì Ierusalem nuadh, a thig a nuas o nèamh o a
Dhia ; agus sgrìobhaidh e ainm nuadh fèin air. Seadh,
" bheir e comas dhà suidhe maille ris air a rìgh-chaithir,
amhuil f òs a bhuadhaich e-fèin, agus a shuidii e maille
ri 'Athair air a rìgh-chaithir-san. An tì aig am bheil
cluas, èisdeadh e ciod a ta an Spiorad ag ràdh ris na
h-eaglaisibh." Taisb. 2. 7, 11, 17 : agus Caib. 3.
Caibdeil IX.
^S è Dleasanas Sluaigh Dhè muinntir eile 'mJiisneachadh
gus an Fhois so ìarraìdh.
Am bheil duais cho ghlòrmhor ri Fois nan Naomh
air a cur romhainn le Dia, agus an d'rinn è sinne
comasach air sonas cho do-mheasraichte 'f haotuinn ?
Carson, matà, nach 'eil clann na rìoghachd so a' saoth-
rachadh na's mò, chum muinntir eile 'thoirt a dh-ionn-
suidh na foise so? carson nach 'eil sinn 'gan cuideachadh
na's mò, chum an treòrachadh gu sonas cho mòr a
mhealtuinn ? Mo chreach ! nach beag sùim a gheibhear
a' chuid a's mò dhinn a' gabhail do anamaibh bochda
mu-n-cuairt duinn ! Tha sinne 'faicinn glòir' na rìogh-
achd, ach cha n-'eil ìadsan: tha sinne 'faicinn truaighe
na muinntir a tha mach àisde, ach cha n-'eil ìadsan .
tha sinne 'g am faicinn a' dol fad air seachran o'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence