Skip to main content

‹‹‹ prev (87) Page 67Page 67

(89) next ››› Page 69Page 69

(88) Page 68 -
68 Comharradh na Muinntir sin ddm hheil
so. Is è an Sgriobtuir a' bhànn-sgrìobhta anns an lèugh
sinn ar còir air oighreachd na fois.'
Arèir an Sgriobtuir, is ànn amhkin airson " sluaigh
Dhè" 'n an aonar, a tha 'n f hois so air a fàgail. Cha
bhuin ì do mhuinntir sam-bith eile, ach dhoibh-san
amhain. Mar sin, cha n-'eil cuid, no còir innte aig a' chuid
eile de'n t-saoghal. " As èugmhais naomhachd cha
n-f haic neach air bith an Tighearn." " Mur beirear duine
a ris cha'n fheud e rìoghachd Dhè" fhaicinn." " An ti nach
'eii a' chreidsinn anns a' Mhac, cha'n f haic e beatha ;
ach a ta fearg Dhè a 1 gabhail còmhnuidh air." " Cha 'n
'eil aig fear-striopachais air bith, no aig neach neo-ghlan,
no aig duine sanntach, a ta 'na f hear-iodhol-aoraidh,
•oighreachd ann an rloghachd Chriosd agus Dhè." Eph.
5. 5. " Cuirear na h-aingidh gu h-ifrinn, na cinnich
uile nach cuimhnich Dia." Salm9. 17. "Bithidhiad
uile air an diteadh, nach do chreid an f hirinn, ach aig
an robh tlachd anns an èucoir." 2 Tes. 2. 12. " Thig an
Tighearn Iosa ann an teine lasarach a dheanamh diogh-
altais air an dream aig nach 'eil eòlas air Dia, agus nach
'eil umhal do shoisgeul ar Tighearn Iosa Criosd ; muinn-
tir air an deanar peanas le sgrios shiorruidh o làthair
an Tighearna, agus o ghlòir a chumhachd." 2 Tes. 1 . 7-9.
Na'm b' àill leis na h-aindiadhaich pilleadh mu'n do
bhàsaich iad, agus gabhail gu toileach ri Criosd mar an
Slànuighear agus an High, agus a bhi air an teàrnadh leis
arèir a dheadh òrdùigh fèin, dh-fhaodadh iad a bhi air
an teàrnadh. Thairg Dia beatha dhoibh gu saor, ach
cha b' kill leo-san a gabhail. Is è taitqeas na feòla a
b' ànnsa leo na glòir nan naomh. Thairg Satan aon
diubh sin dhoibh, agus thairg Dia an aon eile dhoibh.
Fhuairiad an roghainn dhiubh sin gu saor, ach b'f heàrr.
leo " solas a' pheacaidh a mhealtuinn rè seal" na fois
shiorruidh maille ri Criosd. Agus nach ceart an ni gu'n
diultar dhoibh anis an ni nach b'àill leo 'ghabhail roimhe
so, geda bha Dia 'g a sparradh orra gu durachdach,
agus 'g an tàladh astigh gu dian, gidheadh cha b'àill
leo-san ? Càit, uime sin, an coir dhoibh a bhi ach
"a muigh" maille ris na " madruidh?" Ged nach gèill an
t-aingidh gus am buadhaich mòr chumhachd grhis air,
gidheadh is f ior a dh-f haodar a ràdh gu'm faod è bhi air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence