Skip to main content

‹‹‹ prev (86) Page 66Page 66

(88) next ››› Page 68Page 68

(87) Page 67 -
an Ffwis so air a h-ullachadh. 67
dhomh-sa ; chum gu 'n ith agus gu 'n òl sibh air mo
bhòrd-sa ami am rioghachd." Luc. 22. 29, &c. Tha
uile mheadhonan nan gràs, obair an Spioraid air an
anam, deanadas gràsmhor nan naomh 'n ar measg, gach
gairm gu aithreachas agus cveidsinn, gu trasgadh agus
ùrnuigh, gu bualadh agnsìarraidh, gu spàirn agus saoth-
air a dheanamh, gu ruith agus cathachadh, a' dearbhadh
gu'm bheil " fois air a fàgail fa chomhair sluaigh Dhè."
Carson eile 'thogadh an Spiorad mìann cho làidir an
dèigh nèimh, agus gràdh cho mòr do Chriosd annainn,
mur faigheamaid an ni air am bheil ar mìann 's ar gràdh ?
An Ti a " threòraicheas ar cosan air sligh na sithe,"
nach toir è sinn gu cinnteach a dh-ionnsuidh " na sithe ?"
Luc. 1. 7, 9. Faic cho dliith 's a tha na meadhonan
agus an crioch d'a cheile I " Tha rioghachd nèimh a'
fulang ainneirt agus luchd na h-ainneirt, 'g a glacadh le
làmhachas làidir." Mala 11. 12. " Iadsan a leanas
Criosd anns an ath-ghineamhuinn, suidhidh iad maille
ris air caithir a ghlòire fein." Mata 19. 28. Tha sinn
air ar deanamh làn chinnteach. leis an Sgriobtuir gu'm
bheil " toiseach," " roi-bhlas," " geall-daingnich" agus
" sèulachan" na foise so aig na naoimh anns a' bheatha
so. " Tha rioghachd Dhè an taobh a stigh dhiubh."
Luc. 17. 21. " Ged nach f hac' iad Criosd, gidheadh, air
dhoibh creidsinn ànn agus a ghràdhachadh, tha iad a'
deanamh mòr ghàirdeachais le h-aoibhneas air dol thar
labhairt (do-labhairt) agus làn do ghlòir : a' faotuinn
criche an creidimh, eadhon slàinte do'n anamaibh."
1 Pead. 1. 8, 9. "Tha iad a' deanamh gàirdeachais
'an dòchas glòire Dhè." Ròm. 5. 2. ' Tha Dia ? g an
sèulachadh le Spiorad naomh sin a' gheallaidh, neach is
e geall-daingnich na h-oighreachd aca, agus nach toir
è Van sheilbh dhoibh?' Eph. 1. 13, 14. Gheibhear fòs
anns an Sgriobtuir ainmean " muinntir a chaidh a steach
cheana do'n t-suaimhneas" so, eadhon Enoch, Abraham,
Làsarus, an gacluiche 'chaidh chèusadh maille ri Criosd,
agus feadhain eile. Agus ma tha fois ann dhoibh sin,
air chinnte, tha fois ànn do na creidmhich. uile. Ach
cha ruigear a leas a bhi 'càrnadh suas tuille dearbhaidh
o'n Sgriobtuir air a' chilis ; oir is ì crioch nan Sgriobtuir
uile 3 ar treòrachadh a dh-ionnsuidh na staide beannaichte

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence