Skip to main content

‹‹‹ prev (81) Page 61Page 61

(83) next ››› Page 63Page 63

(82) Page 62 -
G2 Comharradh na Muinntir sin dd'm hheii
fìreantachd fern, no nì sam-bith eile mar Shlànuighear
dhuinn ? Air do'n chridhe làn deai'bhadh 'fhaotuinn air
peacadh agus truaighe, agus a bhi air a philleadh air
falbh o aoradh a' chreutair, agus o gach fèin-f hireantachd,
cha n-fhàg Dia an t-anam sin gun 'ath-nuadhachadh :
oir far am bheil an obair glan, bithidh ì làn. Cha n
urrainnear pilleadh gu glan idir o'n chrèutair, i
dh-ionnsuidh Dhè, tre rathad sam-bith ei]e, ach tre
Chriosd fein : mar sin cha chreidsinn glan, no fior idir
ann an Criosd, creidsinn air-bith a ni duine, f had 's a
bhios a chridhe fo bhuaidh a' chreutair. Is aon obair gach
peacadh agus gach iodhol-aoraidh a threigsinn, agus
Criosd a cheart-ghabhail h-ugainn. Agus làn-choimh
lionaidh Dia an obair so, far an tàrmaichear ì leis. Agus
aig a' cheart am sin dhi-leanaidh an toil ri Dia agus ri
Criosd. Air do'n pheacach a làn-mhothachadh nach
f haighear sonas ann an cuspair sam-bith eile, gheibh è
nis a shonas ann an Dia. Agus air dhà a mhothachadh
fòs gur è Criosd 'n a aonar a tha comasach agus toileach
sith a dheanamh ri Dia air a shon, gabhaidh è ris gu fior
ghràdhach mar a Shlànuighear. B'è searmonachadh
Phòil " aithreachas a thaobh Dhè agus creidimh a thaobh
ar Tighearna Iosa Criosd." Agus tha "a' bheatha
mhaireannach" a' co-sheasamh, anns a' cheud kit, ann
an " eòlas a bhi againn air an aon Dia f hior, agus," anns
an dara h-kit, " air Iosa Criosd a chuir è uaith." Eb.
17. 3. Is è an Tighearn a ghabhail mar ar Dia, a' chuid
nàdurrach de'n chùmhnant ; ach is è Criosd a ghabhail
mar ar Fear- saoraidh, a' chuid os-nàdurrach, no a' chuid
a's àirde na nàdur, — a' chuid mhiorbhuileach, — de'n
chùmhnant. Is fior f heumail a' cheud chuid an toiseach,
agus tha ì air a filleadh anns an dara cuid. Cha chreid-
imh fireanachaidh idir Criosd a ghabhail gun ghràdh,
gun chaidreadh cridhe. Cha n-ann amhkin mar thoradh
a dh-oibricheas gràdh do Chriosd, ach le Criosd 'fhàilt-
eachadh 's a ghràdhachadh ball-direach : oir is è an
creidimh glan, Criosd a ghabhail h-ugad le d' uile anam.
" An ti a ghràdhaicheas athair no màthair ni's mò na
Criosd, cha'n airidh air è ;" n mò a bhitheas è air
'f hireanachadh leis. Mata 10. 37. Gabhaidh creidimh
è mar a Shlànuighear agus mar a Thighearn ; oir is kill

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence