Skip to main content

‹‹‹ prev (80) Page 60Page 60

(82) next ››› Page 62Page 62

(81) Page 61 -
an Fhois so air a h-ullacliadh. SI
gidheadh is mòr, is leèr f ireantachd Chriosd ehum ar
n-anamanan a sgeadachadh. Cha n-urrainn ar f irean-
tachd fèin aon phung de cheartas an lagh' a riarachadh,
acn rìaraichidh agus sithichidh fìreantachd Chriosd a
h-uile pùng dheth. Tha Criosd a' deanamh eadar-
glmidhe ris an Athair airson a' pheacaich, agus an lorg
àrd inbhe an Eadar-mheadhonair ghlòrmhoir sin, agus
luach a dheadh-thoilltinneis, deònaichidh an t-Athair
dhà gach ìarrtas. Roimhe so, cha b'aithne do'n pheac-
ach òirdhearcas Chriosd, na's feàrr na's aithne do dhuine
ìàll solus na grèine, ach tha è nis a'faicinn a ghlòir'.
8. Fo'n ghèur mhothachadh so atharraichear an toil.
Cho luath 's a chithear olc a' pheacaidh leis an tuigse,
pillidh an toil air falbh uaith, le fuath agus grain. Ach
cha n -atharraichear iarrtas dligheach na toile, ni mò a
dh-f huathaicheas ì cuspair laghail, neo-thoirmisgte sam-
bith. Tha atharrachadh so na toil' a' co-sheasamh ann
a bhi 'gabhail grain de gach smuain, focal agus gniomh
olc, no de gach n\ nach 'eil arèir toil Dè, ciod-air-bith è.
Cha n-è mhàin gu'm faicear anis aimhleas truagh a'
pheacaidh, ach nithear caoidh air a shon. Cha n-ur-
rainn an t-anam amharc air a chionta mòr an aghaidh
Dhè, no idir air a' chall uamhasach a thug e air-fèin, gun
bhruithadh cridhe. Gach neach a chi gu soilleir gu'n
do chèus è Criosd gu bàs, agus gu'n d'rinn sè e-fèin a
tnharbhadh, bithidh è gu cmnteach ann an tomhas èigin
J< air a bhioradh 'n a chridhe." Mur urrainn è guil, is
Irrainn a chridhe osnaich a dheanamh. Mothaichidh
a chridhe an ni a ta an tuigs' a' faicinn. Trèigear anis
agus tilgear amach diomhanas a' chreutair ^s a'
chridhe le grain. Gidheadh cha n-fhaodar tàir, no
dlmeas a dheanamh air ceart ghnàthachadh a' chreutair.
Faigheadh è an t-àit 's an onoir a's dligheach dhà, ach
gabh an aire nach f haigh è gu bràth àit agus onoir Dhe
anns a' chridhe. na dean idir dia dheth. An è Criosd
an t-sligh, far an è an crèutair a' chrioch ? Am bheil
sinn ag iarraidh gu Criosd a chum ar deanamh rèidh ri
Dia, 'nuair is è an crèutair a's ànnsa leis na cridheachan
againn na Criosd ? Is è an crèutair is Dia agus is Criosd
ann an anam gach duine nach eil air a'th-nuadhachadh.
Am bheilear a' creidsinn ann an Criosd, far am bheil ar
F

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence