Skip to main content

‹‹‹ prev (69) Page 49Page 49

(71) next ››› Page 51Page 51

(70) Page 50 -
50 Oirdhearcas
bàll-amhairc sinn do'n t-saoghal, agus do ainglibh, agns
do dhaoinibh, mar shalachar an t-saoghail, mar anabas
nan uile nithe." 1 Cor. 4. 9. " Cuiridh daoine às an
cuideachd sinn, bheir iad ckinnt mhaslach dhuinn, agns
tilgidh iad amach ar n-ainm mar olc." Ach air an la
sin, dùr-amhaircidh iad òirnn ann an glòir. Ach tilgear
iadsan amach à cuideachd nan naomh, agus dealaichear
uainn iad àill air nàill. An diugh, is gànn a gheibh sinn
ùrnuigh a dheanamh ann ar teaghlaichean, no cliù a
shèinn do Dhia, gun bhèum 'fhaotuinn uatha, ma
chluinneas iad ar guth. nach iad a bhios air an cràdh
'nuair a chì iad sinne ri gàirdeachas agus a' moladh, 'us
iad-fein ri donnalaich 'us caoidh ! Thusa nach urrainn,
an diugh, do làmh a chur ri obair Dhè, gun deadh-ghean
an t-saoghail a chàll, smuainich agad-fèin gu'n co-oib-
rich gach aon air nèamh leat gu toileach, a chridhe 's a
ghuth ag aonadh maille riut ann an aoibhneas agus mol-
adh siorruidh. Gus a sin, ' sealbhaich d' anam ann am
foighidinn.' Fuilig tàir 'us masladh airson Chriosd.
Ceangail suas iad mar chrùn air do "cheànn. Meas iad
'n an saoibhreas a's mò gu mòr na stòras an t-saoghail
uile. Oir " is ceart an ni do Dhia, àmhghar iocadh
dhoibh-san a ta 'cur àmhghair oirbh ; agus dhuibh-se a
ta fo àmhghar, fois maille ri Criosd." 2 Tes. 1. 6, 7.
An sin, gheibh sinn fois o na roinnean agus o na
diùbhrasan nàireach sin a bha eadarainn-fèin mu eaglais-
ibh. Nach gràdhach a chòrdas miltean maille ri 'chèile
air nèamh, a bha 'mi-chòrdadh air thalamh 1 Cha n-'eil
còmhsti an sin, do bhrigh nach fhaighear àrdan, no
aineolas, no truaillidheachd air-bith ànn. Cha bhi
smuain, an sin, air meudachadh aon phàirtidh, no air
beagachadh pàirtidh eile, le briathraibh 'us cdumaibh
carach, innleachdach. Ma bhitheas nàire, no bròn air
nèamh, bithidh sinn brònach 'us fo nkire ri cuimhneach-
adh air a' ghiulain aimhreiteach so air talamh ; mar bha
bràithrean Iòseiph a 1 cuimhneachadh 'n a làthair'air an
droch gi^adhadh a rinn iad air roimhe sin. Mo nàire !
Nach leòr leinn an saoghal uile 'bhi cogadh 'n ar
n-aghaidh, gun sinn-fèin a bhi ri cogadh an aghaidh a
cheile ? Moladh do làithibh na gèur-leanmhuinn a thug
gu trie air Criosduidhean dlùthachadh ri 'cheile ann an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence