Skip to main content

‹‹‹ prev (68) Page 48Page 48

(70) next ››› Page 50Page 50

(69) Page 49 -
Fois nan Naomh. 49
Lasaidh sin d' àrdan annad. Am bheil thu ciorramach,
cam, no crùbach? Fàgaidh sin thu gearanach. Am
bheil tàlantìnntinn agad, ealamh, comasach air ionnsach-
adh ? Seididh sin suas thu, ag iarraidh do mholadh, 'us
tàir a dheanamh air muinntir eile nach 'eil cho barr-
aichte riut-fèin ! Am bheil thu aineolach ? Cia trie a bheir
sin ort tàir a dheanamh air nithibh nach tuig thu, agus
nach aithne dhuit I Am bheil ùghdarras, no cumhachd
agad os-ceànn muinntir eile ? Cia trie a gheibhear thu
'g a mhì-ghnàthachadh, do thoil fèin mar lagh dhuit,
taitneas dhaoine eile air a chur suarach leat ; 'us gach
ni 'g a iomairt leat, a chum do thoil 'us do chùisean
fèin a chur air aghaidh, gun sùim mu mhaith chàich !
An iochdaran thu ? Cia ullamh thu gu labhairt air àirde
muinntir eile, a' toirt breith air an gniomhraibh gu
farmadach, arèir do dhroch bharail fern ! Am bheil thu
saoibhir gun bhi ro uallach as ? Am bheil thu bochd
gun bhi mi-thoilichte ? Am bheil thu 'deanamh do
dhleasanais, no 'deanamh Slknuigheir de do dhleasanas ?
Leis na ribichean sin tha è buailteach dhuinn a bhi
air ar glacadh. Cha d'rinn Dia iad a chum sinne 'rib-
eadh leo, ach rinn ar truaillidheachd fèin iad 'n an
ribichean dhuinn. Is è sinn-fèin — ar droch nàdur fèin
— painntearan a's miosa dhuinn. Ach so ar solas mòr,
fuasglaidh an fhois so sinn uatha sin gu lèir. Cha n-
f haigh Satan, no smuain ole a dheanamh seirbhis dà,
astigh do'n ionad naomh ! An sin, bithidh gach smuain
Ian, 'us àrd-mholar ar Fear-saoraidh mar leis na h-uile.
Agus bithidh sinn saor, dealaichte bho uile ghèur-
leanmhuinnibh 'us o dhroch grèadhadh t-saoghail. An
sin, freagrar urnuighean " nan anamanan fo'n altair,"
agus " diolaidh Dia am fuil orra-san a ta 'n an còmhnuidh
air an talamh." Taisb. 6. 9, 10. An diugh, am ar
crùnaidh le droighionn ; an sin, am ar crùnaidh le glòir.
An diugh, " Iadsan uile leis an àill am beatha a chaith-
eamh gu diadhaidh ann an Iosa Criosd, fuiligidh iad
gèur-leanmhuinn." Ach an sin, " Iadsan a dh'f huilig
maille ri Criosd, glòraichear iad maille ris." Ròm. 8.
17. An diugh, " fuathaichear sinn air sgàth Chriosd, "
ach an sin, " nithear iongantach è 'n a naomhaibh" a
bha mar sin air am fuathachadh. Air an talamh, " is

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence