Skip to main content

‹‹‹ prev (16) Page xPage x

(18) next ››› Page xiiPage xii

(17) Page xi -
Moimh-ràdh. xi
achd, araon mar shearmonaiche agus mar sgrìobhadair,
ionnus gii'm bu "toil leis an rìgh fèin urram a chur
air." Shearmonaich è an làthair Rìgh Teàrlach II.
Chuir an rìgh sin onoir air, agus thug è dreuchd dhà,
agus an dèigh sin chaidh dreuchd àrd eile a thairgse
dhà fo làimh an rìgh, nach b'àill leis a ghabhail.
Is comharraichte, prìseil an leabliar "Fòiè nanNaomh."
Is è so do rèir barail dhaoine glice, diadhaidh an t-aon
a's luachmhoire de leabhraichean Mhaighstir Bacster.
Sgrìobh è an obair so 'nuair a bha è mu dheich bliadhna
fichead a dh'aois. Is ann mar ùrachadh, mar shòlas,
agus mar neart d'a anam fèin a sgrìobh è " Fois nan
Naomh," 'us dùil aige, gach là fad iomadh mìos, ri gairm
a' bhàis, am feadh a bha è 'g a sgriobhadh ; oir bha è
air an àm sin a' fulang fo easlaint, agus anns an staid
sin làn-shuidhich è a smuaintean agus 'aignidhean air
Dia, agus air sonas agus glòir nan naomh air nèamh.
" Is ì so," ars' e-fein, " obair 'bu tarbhaiche do m' anam
na na h-uile nithe eile 'dh'ionnsuich mi riamh." Ach
b'i toil an Tighearna mhaith neart aiseag dhk an dèigh
sin, geda b'ainmig a bha è aon là saor o easlaint, agus a
laithean a shineadh a chum tuilleadh seirbhis a dheanamh
do'n eaglais air thalamh; a' beannachadh eadhon easlaint
an fhirein so gu pailt d'a anam fèin, agus f òs do mhiltibh
eile ; oir " a ta f hios againn gu'n comh-oibrich na h-uile
nithe," eadhon easlaint, " chum maith, do'n dream aig
am bheil gràdh do Dhia." Shearmonaich è u Fois nan
Naomh'''' ann an Cidderminster, agus an deigh sin chaidh
an obair a chlò-bhualadh air tus, air a' bhliadhna 1660.
Chithear ann am u Fois nan Naomh' 1 '' dearbh chomh-
arradh air ìnntinn naoimh, nèamhaidh, — inntinn a
fhuair sealladh mòr air an t-siorruidheachd. Is gann a
gheibhear, ann an obair duine sam-bith eile, sealladh cho

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence